Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bratach Ghleann Bhuicheid (Glenbucket)
EXTERNAL ID
QZP40_569_P353
DEIT
1895
LINN
1740an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31304
KEYWORDS
Seumasaich
Cùil Lodair
brataichean
baidealan
Teàrlach Eideard Stiùbhart
Glenbucket's Banner

B' e seo bratach Iain Gòrdain, Gleann Buichead. Cheangail Gleann Bhuichead e fhèin ri arm Prionnsa Teàrlaich ann an Dùn Eideann anns an Ar-a-mach Seumasach ann an 1745. Anns an Armach Seumasach ann an 1715 b' e Màidsear-Seanalair a bh'ann ann an arm Mhàrr.

Bha rèisimeid Ghleann Bhuicheid anns an dara loidhne den arm Seumasach aig Blàr Chùil Lodair. An dèidh a' bhlàir, sheachainn e glacadh le bhith cur aodach duine truagh air is fhuair e às a Nirribhidh air soitheach Suaineach.

Chithear an dealbh seo anns a' chiad leabhar de 'Historical Papers Relating to the Jacobite Period 1699-1750', deasaichte le Còirneal Seumas Allardyce LL.D is air a chlò-bhualadh ann an Obar Dheathain dhan Chomann Spalding Ùr. 'S e comann seanachaidh eachdraidheil a bh'ann an Comann Spalding, air ainmeachadh air Iain Spalding, fear-lagha is Clàrc Comasdair Obar Dheathain nuair a bha Teàrlach I na rìgh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bratach Ghleann Bhuicheid (Glenbucket)

1740an

Seumasaich; Cùil Lodair; brataichean; baidealan; Teàrlach Eideard Stiùbhart

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

B' e seo bratach Iain Gòrdain, Gleann Buichead. Cheangail Gleann Bhuichead e fhèin ri arm Prionnsa Teàrlaich ann an Dùn Eideann anns an Ar-a-mach Seumasach ann an 1745. Anns an Armach Seumasach ann an 1715 b' e Màidsear-Seanalair a bh'ann ann an arm Mhàrr.<br /> <br /> Bha rèisimeid Ghleann Bhuicheid anns an dara loidhne den arm Seumasach aig Blàr Chùil Lodair. An dèidh a' bhlàir, sheachainn e glacadh le bhith cur aodach duine truagh air is fhuair e às a Nirribhidh air soitheach Suaineach.<br /> <br /> Chithear an dealbh seo anns a' chiad leabhar de 'Historical Papers Relating to the Jacobite Period 1699-1750', deasaichte le Còirneal Seumas Allardyce LL.D is air a chlò-bhualadh ann an Obar Dheathain dhan Chomann Spalding Ùr. 'S e comann seanachaidh eachdraidheil a bh'ann an Comann Spalding, air ainmeachadh air Iain Spalding, fear-lagha is Clàrc Comasdair Obar Dheathain nuair a bha Teàrlach I na rìgh