Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Chorr Garbh
EXTERNAL ID
QZP40_569_P529
ÀITE
Corr Garbh
SGÌRE
Athfort
DEIT
1895
LINN
1740an
CRUTHADAIR
G W Wilson and Co
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31305
KEYWORDS
caistealan
Seumasaich
togalaichean
blàir
batailean
teintean
daingnichean
Corgarff Castle

Tha Caisteal Chorr Garbh na sheasamh aig ceann Srath Dheathain ann an Siorrachd Obar Dheathain, 20 mìle an iar air a' Ghleann Mhòr faisg air An Aghaidh Mhòr. Tha e a' dìon na slighe as luaithe eadar Srath Dhè is Srath Spè.

Chaidh an caisteal a thogail mu 1550 le Iain Foirbeis à Tollaidh. Chaill teaghlach nam Foirbeis an caisteal ann an droch-bhuille dòrainneach nuair a dh'fheuch Adhamh Gòrdain à Achadh an Dùin ris an caisteal a ghlacadh nuair a bha na fir air falbh. Dhiùlt Mairead Fhoirbeis an caisteal a thoirt seachad, 's mar sin loisg Achadh an Dùin e, a' marbhadh barrachd air 20 boireannach, leanabh is searbhant. Bha an caisteal an uairsin ann an làmhan nam mèirlich ionadail gus an do cheannaich Iarla Mhàrr e is chaidh a chleachdadh mar àite dhaoine a chruinneachadh is uidheamachadh anns an Aramach Seumasach ann an 1715.

An dèidh an Aramach neo-shoirbheachail ann an 1715, loisg an Riaghaltas Caisteal Chorr Garbh sìos a-rithist mus tug iad air ais dhan teaghlach Foirbeis e, is chàirich iadsan e.

Ann an 1746, chleachd na Seumasaich an caisteal mar stòr airson armachd is àirneis-cogaidh nuair a bha iad air an t-slighe air ais à Derby. Ghlac arm an Riaghaltais an caisteal, agus an stòras na bhroinn beagan ro Bhlàr Chùil Lodair. Chaidh an caisteal a dhèanamh na Ghearastan don Riaghaltas ann an 1748.

Chithear an dealbh seo anns a' chiad leabhar de 'Historical Papers Relating to the Jacobite Period 1699-1750', deasaichte le Còirneal Seumas Allardyce LL.D is air a chlò-bhualadh ann an Obar Dheathain dhan Chomann Spalding Ùr. 'S e comann seanachaidh eachdraidheil a bh'ann an Comann Spalding, air ainmeachadh air Iain Spalding, fear-lagha is Clàrc Comasdair Obar Dheathain nuair a bha Teàrlach I na rìgh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Chorr Garbh

1740an

caistealan; Seumasaich; togalaichean; blàir; batailean; teintean; daingnichean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)