Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eanraig Benedict Stiùbhart, Càrdanail Iorc
EXTERNAL ID
QZP40_569_P607
DEIT
1895
LINN
1740an
CRUTHADAIR
L A Blanchet
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31306
KEYWORDS
Stiùbhartan
Crùn na h-Alba
Eanraig Stiùbhart
Teàrlach Eideard Stiùbhart
Am Prionnsa Òg Stiùbhart
càrdanailean
seudan a' chrùin
Seumasaich
Henry Benedict Stuart, Cardinal York

B' e mac a b'òige aig Seumas Frangan Eideard Stiùbhart is bràthair Theàrlaich Eideard Stiùbhairt a bh'ann an Eanraig Benedict Maria Clement Stiùbhart. Bha e air aithneachadh mar Dhiùc Chàrdanail baile Iorc.

Ann an Aramach nan Seumasach ann an 1745, bha e na cheannard air arm aig Dunkirk, ach cha d'fhuair iad air An Fhraing fhàgail.

An dèidh bàs Theàrlaich, b' e Eanraig an Stiùbhart Rìoghail mu dheireadh. Fhuair e air bonn a dhèanamh dha, agus na briathran 'Henry IX, King of England, by the Grace of God but not by the Will of Men' sgrìobht' air. Bha e riaraichte le bheatha mar Chàrdanail, is mar sin cha tug e an tagradh crùin aige na b' fhaide na seo.

Anns an Aramach Frangach, chaidh stuth Eanraig a ghlacadh is thàinig air teicheadh gu Venice. Thug an Rìgh Seòras III peinnsean dha gus am faigheadh e dhachaigh gu Frascati. Mar thaing airson seo, thug Eanraig Stiùbhart seachad mar thiodhlac na Seudan Crùnaidh a bh'aig Seumas II do Phrionnsa na Cuimrigh, a bha na rìgh Seòras IV as deidh sin.

Chithear an dealbh seo anns a' chiad leabhar de 'Historical Papers Relating to the Jacobite Period 1699-1750', deasaichte le Còirneal Seumas Allardyce LL.D is air a chlò-bhualadh ann an Obar Dheathain dhan Chomann Spalding Ùr. 'S e comann seanachaidh eachdraidheil a bh'ann an Comann Spalding, air ainmeachadh air Iain Spalding, fear-lagha is Clàrc Comasdair Obar Dheathain nuair a bha Teàrlach I na rìgh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eanraig Benedict Stiùbhart, Càrdanail Iorc

1740an

Stiùbhartan; Crùn na h-Alba; Eanraig Stiùbhart; Teàrlach Eideard Stiùbhart; Am Prionnsa Òg Stiùbhart; càrdanailean; seudan a' chrùin; Seumasaich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)