- TIOTAL
- Inbhir Nis ann an 1893
- EXTERNAL ID
- QZP40_784_P007
- ÀITE
- Inbhir Nis
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
- DEIT
- 1893
- LINN
- 1890an
- CRUTHADAIR
- D Whyte
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 31320
- KEYWORDS
- bailtean
bailtean mòra
aibhnichean
eaglaisean
togalaichean
sràidean

Tha Inbhir Nis aig ceann a' Ghlinn Mhòir air bruthaichean na h-aibhne - Abhainn Nis. Tha e air ainmeachadh mar phrìomh-bhaile na Gàidhealtachd gu math tric. Stèidhicheadh an Rìgh Daibhidh Inbhir Nis mar Bhaile-malairt Rìoghail ann an 1158.
Chan eil mòran thogalaichean eachdraidheil air fhàgail ann an Inbhir Nis air sgàth 's gu robh am baile co-cheangailte ri mòran de dh'eachdraidh bhrùideil na h-Alba. 'S e an t-Seann Àrd Eaglais aon togalach eachdraidheil a th'ann fhathast. 'S e an stìoball as fhaide gu taobh clì an deilbh. Tha an dealbh a' sealltainn Sràid na Bruaich o thaobh eile na h-aibhne, a' coimhead suas gu Caisteal Inbhir Nis.
Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Mackenzie's Guide to Inverness', le Alasdair MacCoinnich (Inbhir Nis, 1893)