Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Àrd Shràid Inbhir Nis
EXTERNAL ID
QZP40_784_P008
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1893
LINN
1890an
CRUTHADAIR
F Valentine and Sons
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31321
KEYWORDS
Àrd Shràid
Prìomh Shràid
sràidean
togalaichean
fuarain
clachan
ìomhaighean
Inverness High Street

Seo Àrd Shràid Inbhir Nis, a' coimhead suas an t-sràid on abhainn. Air beulaibh an deilbh, chithear Fuaran Cuimhneachan Foirbeis a chaidh a thoirt dhan bhaile ann an 1880. Bha am fuaran a' dìon Clach na Cùdainn cuideachd. Sna seann làithean bhiodh boireannaich a' cleachdadh na cloiche mar àite-cur-sìos nuair a bha iad a' toirt uisge on abhainn ann an cùdainnean.

Bha Bathar-thaigh tartain is clò Uilleam MhicAoidh anns an togalach cholbhach air an oisean air cùl an fhuarain. Tha na trì ìomhaighean snaidhte air mullach an togalaich a' riochdachadh nan Trì Buadhan - Dìlseachd, Dòchas is Carthannas. Bho 1955 tha iad air a bhith rim faicinn aig Taigh Ghraemeshall aig Tolm ann an Arcaibh, ach thatar an dòchas gum bi iad a' tilleadh a dh' Inbhir Nis a dh'aithghearr. Tha an togalach fhèin air a leagail a-nis agus tha goireas bìdh na aite.

Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Mackenzie's Guide to Inverness', le Alasdair MacCoinnich (Inbhir Nis, 1893)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Àrd Shràid Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1890an

Àrd Shràid; Prìomh Shràid; sràidean; togalaichean; fuarain; clachan; ìomhaighean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

Seo Àrd Shràid Inbhir Nis, a' coimhead suas an t-sràid on abhainn. Air beulaibh an deilbh, chithear Fuaran Cuimhneachan Foirbeis a chaidh a thoirt dhan bhaile ann an 1880. Bha am fuaran a' dìon Clach na Cùdainn cuideachd. Sna seann làithean bhiodh boireannaich a' cleachdadh na cloiche mar àite-cur-sìos nuair a bha iad a' toirt uisge on abhainn ann an cùdainnean.<br /> <br /> Bha Bathar-thaigh tartain is clò Uilleam MhicAoidh anns an togalach cholbhach air an oisean air cùl an fhuarain. Tha na trì ìomhaighean snaidhte air mullach an togalaich a' riochdachadh nan Trì Buadhan - Dìlseachd, Dòchas is Carthannas. Bho 1955 tha iad air a bhith rim faicinn aig Taigh Ghraemeshall aig Tolm ann an Arcaibh, ach thatar an dòchas gum bi iad a' tilleadh a dh' Inbhir Nis a dh'aithghearr. Tha an togalach fhèin air a leagail a-nis agus tha goireas bìdh na aite.<br /> <br /> Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Mackenzie's Guide to Inverness', le Alasdair MacCoinnich (Inbhir Nis, 1893)