Ùrachadh mu Dheireadh 26/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Chaladair
EXTERNAL ID
QZP40_784_P020
ÀITE
Caisteal Chaladair
SGÌRE
Inbhir Narann (gu tìr)
SIORRACHD/PARRAIST
SIORRACHD NARANN: Caladar
DEIT
1893
LINN
1890an
CRUTHADAIR
F Valentine and Sons
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31332
KEYWORDS
caistealan
teaghlaichean
cinnidhean
morairean fiùdalach
thanes
tàna
uaislean
Caladair
Calldair
MacBheatha
Cawdor Castle

Thog an Tàna Uilleam à Caladar Caisteal Chaladair ann an 1454 fo chead a thug Seumas II dha. Bha an t-ainm 'Calder' air fhuaimneachadh mar 'Cawdor' mar bu trice, agus 's ann bho sin a thug an teaghlach an ainm. Fhuair clann Chaimbeul am fearann is an tiotal tro'n phòsadh co-èignichte eadar Muireall, nighean Uilleim Chaladair, nach robh ach 12 bhliadhna a dh'aois, agus am mac aig an 2mh Iarla Earra-ghàidheil.

Tha an caisteal ainmeil airson a cheangail ri MacBheatha, ach bhàsaich esan ann an 1052 is chaidh a' chiad Mhorair Fiùdalach no Tàna Chaladair a stèidheachadh le Alasdair II ann an 1236. Rinn Sir Ùisdean Caimbeul, 15mh Tàna Chaladair, follaiseach a thaic do na Seumasaich anns an t-17mh linn, is thàinig air a dhol dhan Chuimrigh le theaghlach fad cha mhòr na h-ath linn. Thill an teaghlach mar Iarlan Chaladair is rinn iad obair a chum an caisteal ath-thogail is a ghlèidheadh, agus 's e dachaigh dhan teaghlach a th'ann fhathast.

Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Mackenzie's Guide to Inverness', le Alasdair MacCoinnich (Inbhir Nis, 1893)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Chaladair

SIORRACHD NARANN: Caladar

1890an

caistealan; teaghlaichean; cinnidhean; morairean fiùdalach; thanes; tàna; uaislean; Caladair; Calldair; MacBheatha

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

Thog an Tàna Uilleam à Caladar Caisteal Chaladair ann an 1454 fo chead a thug Seumas II dha. Bha an t-ainm 'Calder' air fhuaimneachadh mar 'Cawdor' mar bu trice, agus 's ann bho sin a thug an teaghlach an ainm. Fhuair clann Chaimbeul am fearann is an tiotal tro'n phòsadh co-èignichte eadar Muireall, nighean Uilleim Chaladair, nach robh ach 12 bhliadhna a dh'aois, agus am mac aig an 2mh Iarla Earra-ghàidheil.<br /> <br /> Tha an caisteal ainmeil airson a cheangail ri MacBheatha, ach bhàsaich esan ann an 1052 is chaidh a' chiad Mhorair Fiùdalach no Tàna Chaladair a stèidheachadh le Alasdair II ann an 1236. Rinn Sir Ùisdean Caimbeul, 15mh Tàna Chaladair, follaiseach a thaic do na Seumasaich anns an t-17mh linn, is thàinig air a dhol dhan Chuimrigh le theaghlach fad cha mhòr na h-ath linn. Thill an teaghlach mar Iarlan Chaladair is rinn iad obair a chum an caisteal ath-thogail is a ghlèidheadh, agus 's e dachaigh dhan teaghlach a th'ann fhathast.<br /> <br /> Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Mackenzie's Guide to Inverness', le Alasdair MacCoinnich (Inbhir Nis, 1893)