Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cathair-eaglais na Cananaich
EXTERNAL ID
QZP40_784_P021
ÀITE
Cathair-eaglais na Cananaich
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Mhaircnidh
DEIT
1893
LINN
1890an
CRUTHADAIR
W Wilson and Sons
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31333
KEYWORDS
cathair-eaglaisean
Ath-leasachadh
uaighean
togalaichean
eaglaisean
easbaigean
Crombail
Fortrose Cathedral

Chaidh Cathair-eaglais na Cananaich a thogail nuair a ghluais Easbaig Raibeart à Sgìr-easbaig Rois, bho Ros Maircnidh dhan Chananaich, ann am meadhan na 13mh linn. An dèidh an Ath-leasachaidh, thug Uilleam, Morair Ruadhainn, an luaidhe o mhullach na h-eaglaise air falbh, is thuit an togalach ann an droch staid. Thug Oilbhreis Crombail mòran den chlaich-ghainmhich dhearg a dh'Inbhir Nis gus an togadh e a dhaingneach leis. Chan eil air fhàgail den chiad togalaich sin ach taobh deas a' chuirp-eaglais is an naomh-chiste den taigh-coinneimh. Gabhaidh dealbh-iomaill an togalaich tùsail fhaicinn anns an fheur.

Anns an t-17mh linn, thàinig an togalach gu bhith na chladh airson Clann 'ic Coinnich Shìophoirt. Tha trì uaighean le boghan-cloiche anns a' chathair-eaglais: Oighrig, Ban-iarla Rois, a b'fheudar Alasdair Stiùbhairt, Madadh-allaidh Bhàideanaich, a phòsadh; Easbaig Chàrn Crois, a bhàsaich ann an 1545; is Easbaig Friseal, a bhàsaich ann an 1507.

Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Mackenzie's Guide to Inverness', le Alasdair MacCoinnich (Inbhir Nis, 1893)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cathair-eaglais na Cananaich

ROS: Ros Mhaircnidh

1890an

cathair-eaglaisean; Ath-leasachadh; uaighean; togalaichean; eaglaisean; easbaigean; Crombail

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

Chaidh Cathair-eaglais na Cananaich a thogail nuair a ghluais Easbaig Raibeart à Sgìr-easbaig Rois, bho Ros Maircnidh dhan Chananaich, ann am meadhan na 13mh linn. An dèidh an Ath-leasachaidh, thug Uilleam, Morair Ruadhainn, an luaidhe o mhullach na h-eaglaise air falbh, is thuit an togalach ann an droch staid. Thug Oilbhreis Crombail mòran den chlaich-ghainmhich dhearg a dh'Inbhir Nis gus an togadh e a dhaingneach leis. Chan eil air fhàgail den chiad togalaich sin ach taobh deas a' chuirp-eaglais is an naomh-chiste den taigh-coinneimh. Gabhaidh dealbh-iomaill an togalaich tùsail fhaicinn anns an fheur.<br /> <br /> Anns an t-17mh linn, thàinig an togalach gu bhith na chladh airson Clann 'ic Coinnich Shìophoirt. Tha trì uaighean le boghan-cloiche anns a' chathair-eaglais: Oighrig, Ban-iarla Rois, a b'fheudar Alasdair Stiùbhairt, Madadh-allaidh Bhàideanaich, a phòsadh; Easbaig Chàrn Crois, a bhàsaich ann an 1545; is Easbaig Friseal, a bhàsaich ann an 1507.<br /> <br /> Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Mackenzie's Guide to Inverness', le Alasdair MacCoinnich (Inbhir Nis, 1893)