Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr

Get Adobe Flash player

Rinn am Prìomh Sheanalair Major-General Robasdan o Chaladair seirbheis san Arm ann an Afraga, Sicily agus Normandy.

Ciamar a bha sibh an sàs sa chogadh?

Uill, nuair a dh'fhàg mi, nuair a sguir mi a bhith nam Adjutant no rùnaire aig Dùn Deòrsa, Fort George, chaidh mi a-steach do bhatàillean de Ghàidheil Shìophoirt, dhen ainm an còigeamh batàillean. Agus cha robh iad seo a' cur orra tartan MhicCoinnich, mar a bha na Sìophortan eile; 's e am breacan Sutharlanach a bhiodh iadsan a' cur orra a chionn 's gur ann à Cataibh is Gallaibh a bha iad. Agus chaidh mi còmhla riutha ann an Inbhir Pheofharain agus chuir sinn seachad greis mhòr - dà bhliadhna, tha mi creids' - a' trèanadh air feadh taobh a tuath na h-Alba.

Agus an uairsin ghluais sinn shìos a Shasainn agus mu dheireadh chaidh ar cur air bàtaichean gu ruig Afraga. Stad sinn air an t-slighe ann an Cape Town agus bha bàta-dìonaidh nar cois. Chaidh an Roinn-airm gu leir a-mach. Bha mu 15,000 duine san Roinn Ghàidhealach, agus chaidh sinn uile a-mach air bàtaichean timcheall Rubha Afraga a Deas chionns nach b'urrainn dhuinn a dhol tron Mhuir Mheadhan-Thìreach aig an àm sin le cho cunnartach 's a bha e. Mar sin chaidh sinn fad an rathad timcheall air Afraga a Deas agus soithichean batail agus destroyers nar cois. Agus cha chreid mi gun do chuir soithichean an nàmhaid dragh sam bith oirnn a' dol timcheall. Ach stad sinn an Afraga a Deas fad dhà no trì làithean agus bha e inntinneach gu robh grùnn dhaoine an sin dèidheil air na Gearmailtich. Bha sluagh mòr Gearmailteach ann an Afraga a Deas, agus bha iad air a bhith ann greis mhòr. 'S mar sin, ged a bha a' chuid a bu mhotha gu math dòigheil ruinn, bha cuid de dhaoine a bha mì-chàilear.

Agus mu dheireadh ràinig sinn dhan Èipheit agus chaidh sinn gu campa taobh a-muigh Alexandria. Agus às deidh sin b' e an ath rud cath Alamein, a bha na bhatal mhòr aig an robh buaidh mhòr, is cinnteach, air mar a chaidh an cogadh às deidh sin. Agus lean mi sa Bhatàillean a bha sin greis gus an do rinneadh mi nam Bhrigade Major. A-rithist 's e nàdar de dh'obair rùnaire a bha sin. Chan urrainn dhomh mìneachadh dòigh rianachd an airm, ach 's e sin a bha mi a' dèanamh - 's e seòrsa de rùnaire a bh' annam.

Chuir mi crìoch air cogadh Afraga agus an uairsin thog sinn air bòrd a-rithist agus a-mach leinn gu Sicily far an deach sinn air tìr. Agus an uairsin, nuair a chuir sinn crìoch air iomairt Sicily, thill sinn air ais dhan dùthaich seo, agus an uairsin chaidh mi a Normandy còmhla ri buidheann eile. Thàinig sinn gu tìr air D-Day air Tràigh Gold, 's e sin an tràigh dhan ear, agus na h-Aimeireaganaich ri ar taobh. Och, cha b' e - 's e an tràigh dhan iar a bh' ann, Tràigh Gold, ri taobh nan Aimeareaganaich. Agus bha mi an sin mu mhìos nuair a chaidh mo chur dhachaigh gus am bithinn nam thidsear a' teagasg oifigearan eile ciamar a dhèanadh iad an obair aca. Agus bha siud ann an Camberley, agus cha mhòr nach b' e sin deireadh a' chogaidh dhomhsa, gus an deach mi a-mach gu Malaya, gu na h-Ìnnsean, Indonesia. Tha fios agad air na h-Ìnnsean agus a' mhuir a rinn an leithid de dhochann? Aig an àm sin bha na h-ainmean Java is Sumatra orra - Sumatra air an eilean a tuath agus Java air an eilean a deas. Agus lean an cogadh ann an siud ged a bha sìth air èigheachd an taobh seo. Lean an cogadh an siud - bha an t-uabhas de dhaoine air an leòn ann - agus chum e a' dol fada an dèidh don chogadh a sguir ann an seo. Mar sin, 's e sin an rud a rinn mi. Chaidh mi a dh'Afraga, a Sicily agus a Normandy.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Chaladair.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh leis a' Phrìomh Sheanalair Major-General Robasdan mu dhleasdanas san Arm aig àm a' chogaidh

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; cogaidhean; Feachdan Armaichte; arm; batàilleannan; rèisimeidean; batail; blàir; cathan; iomairt; iomairtean; saighdearan; saighdearachd; armailteachd; Gàidheil Shìophoirt; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)