Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Seumas Burnett, Morair Mhonboddo
EXTERNAL ID
QZP40_914_117_P003
DEIT
1852
LINN
1770an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31346
KEYWORDS
morairean
daoine annasach
breitheamhan
luchd-lagha
muncaidhean
ainmean
James Burnett, Lord Monboddo

B' e Seumas Burnett, Morair Mhonboddo (1714-1799) fear de na prìomh bhreitheamhan ann an Cùirt an t-Seisein ann an Dùn Eideinn anns an 18mh linn. Fhuair e foghlam aig Colaiste Mharischall, Obar Dheathain, Oilthigh Dhùn Eideann is Oilthigh Ghroningen san Òlaind. Fhuair e àite ann an obair-lagha na h-Alba ann an 1737. Nuair a chaidh a dhèanamh na Mhorair Seisein, ghabh e ainm oighreachd athar aig Monboddo anns A' Mhaoirne.

A thuilleadh air a bhith na phrìomh neach-lagha, bha am Morair Mhonboddo annasach na dhòighean. Bha beatha shìmplidh aige, oir 's e 'mura robh na Greugaich o shean ga chleachdadh, cha chleachd mise e' an fheallsanachd aige. Bha e a' creidsinn gun robh a h-uile leanabh air a bhreith le earball is gun robh bean-ghlùine ga ghearradh dheth. Sgrìobh e leabhar, 'The Origin and Progress of Language', a bha a' clàradh mar a chaill an cinne-daonna na h-earbaill aca. Bha am beachd seo gun robh dlùth chàirdeas eadar daoine is apan ro bheachdan Dharwin mu mhean-fhàs.

Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Boswell's Journal of the Tour to the Hebrides with Samuel Johnson' (deasachadh 1852)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Seumas Burnett, Morair Mhonboddo

1770an

morairean; daoine annasach; breitheamhan; luchd-lagha; muncaidhean; ainmean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

B' e Seumas Burnett, Morair Mhonboddo (1714-1799) fear de na prìomh bhreitheamhan ann an Cùirt an t-Seisein ann an Dùn Eideinn anns an 18mh linn. Fhuair e foghlam aig Colaiste Mharischall, Obar Dheathain, Oilthigh Dhùn Eideann is Oilthigh Ghroningen san Òlaind. Fhuair e àite ann an obair-lagha na h-Alba ann an 1737. Nuair a chaidh a dhèanamh na Mhorair Seisein, ghabh e ainm oighreachd athar aig Monboddo anns A' Mhaoirne.<br /> <br /> A thuilleadh air a bhith na phrìomh neach-lagha, bha am Morair Mhonboddo annasach na dhòighean. Bha beatha shìmplidh aige, oir 's e 'mura robh na Greugaich o shean ga chleachdadh, cha chleachd mise e' an fheallsanachd aige. Bha e a' creidsinn gun robh a h-uile leanabh air a bhreith le earball is gun robh bean-ghlùine ga ghearradh dheth. Sgrìobh e leabhar, 'The Origin and Progress of Language', a bha a' clàradh mar a chaill an cinne-daonna na h-earbaill aca. Bha am beachd seo gun robh dlùth chàirdeas eadar daoine is apan ro bheachdan Dharwin mu mhean-fhàs.<br /> <br /> Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Boswell's Journal of the Tour to the Hebrides with Samuel Johnson' (deasachadh 1852)