Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Seumas Boyd (Hay), 15mh Iarla Errol
EXTERNAL ID
QZP40_914_117_P004
DEIT
1852
LINN
1770an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31347
KEYWORDS
iarlan
morairean
turasan
uaisleachd
Seumasaich
Hanobherianaich
tiotalan
James Boyd (Hay), 15th Earl of Errol

'S e am mac bu shine aig Morair Chill Mhearnaig, a chaidh a chur gu bàs mar Sheumasach ann an 1746, a bh'ann an Seumas Bòid. Bha bràthair Sheumais, Teàrlach, air sabaid mar Sheumasach aig Cùil Lodair cuideachd, ach bha Seumas air sabaid ann an arm an riaghaltais, is mar sin chum e oighreachd athar ann an Cill Mhearnaig, ach cha do ghleidh e tiotal athar.

Reic Seumas an oighreachd is dh'fhuirich e ann an Caisteal Shleamhainnis, Siorrachd Obar Dheathain. Nuair a bhàsaich piuthar a shìn-seanar, fhuair e an tiotal Hay, Iarla Errol. Ghabh e an t-ainm Hay is b' e an 15mh Iarla Errol o 1758. Thàinig e gu bhith na Phrìomh Mhaighstir air Saor-chlachairean na h-Alba is bha e a' frithealadh aig Crùnadh Sheòrais III mar Mhorair Oighreachail Àrd Chonstabal na h-Alba.

Choinnich Seumas is a bhràthair Teàrlach, a bha na fhògarrach 20 bliadhna an dèidh Chùil Lodair, ri MacIain is Boswell aig Caisteal Shleamhainnis nuair a bha iad a' siubhal air feadh Alba anns na 1770an.

Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Boswell's Journal of the Tour to the Hebrides with Samuel Johnson' (deasachadh 1852)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Seumas Boyd (Hay), 15mh Iarla Errol

1770an

iarlan; morairean; turasan; uaisleachd; Seumasaich; Hanobherianaich; tiotalan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)