Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Chaladair
EXTERNAL ID
QZP40_914_117_P006
ÀITE
Caisteal Chaladair
SGÌRE
Inbhir Narann (gu tìr)
SIORRACHD/PARRAIST
SIORRACHD NARANN: Caladar
DEIT
1852
LINN
1770an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31348
KEYWORDS
caistealan
tànaichean
uaisleachd
dealbhan-cluiche
An Dealbh-chluiche Albannach
geataichean
uirsgeulan
craobhan
Seumasaich
Cawdor Castle

Tha Caisteal Chaladair air cùl baile Chaladair. Thathar ga cheangal ri 'MacBeth' aig Shakespeare gu math tric, ach bhàsaich MacBheatha ann an 1052 is cha deach an caisteal a thogail gu 1454.

'S e taigh-tùir sìmplidh a bh'anns a' chaisteal an toiseach, ach chaidh stòraidh gu h-àrd, barrabhallan is geata mòr iarann a chur ris anns an t-17mh linn. Thàinig an geata à Caisteal Loch nan Doirb, a bha faisg air Caladar, nuair a chaidh a leagail.

Rinn Ùisdean Caimbeul, 15mh Tàna Chaladair, aithnichte gun robh e a' toirt taic do na Seumasaich is b'fheudar dha fhèin is a theaghlach fàgail is a dhol gu na h-oighreachdan aca sa Chuimrigh. Bha seo a' ciallachadh nach deach na 'ùrachaidhean' millteach a bhathar a' dèanamh air caistealan eile aig an àm a dhèanamh an seo. Nuair a thill an teaghlach às A' Chuimrigh, thòisich iad a' leasachadh is a' gleidheil a' chaisteil.

Tha seann chraobh chuilinn anns a' chaisteal. A rèir aithris, chuir a' chiad Tàna Chaladair asal a-mach le òr air, ag ràdh gun togadh e caisteal far an gabhadh an t-asal fois an toiseach. Ghabh an t-asal fois fon chraoibh.

Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Boswell's Journal of the Tour to the Hebrides with Samuel Johnson' (deasachadh 1852)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Chaladair

SIORRACHD NARANN: Caladar

1770an

caistealan; tànaichean; uaisleachd; dealbhan-cluiche; An Dealbh-chluiche Albannach; geataichean; uirsgeulan; craobhan; Seumasaich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)