Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Inbhir Nis
EXTERNAL ID
QZP40_914_117_P007
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1852
LINN
1770an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31349
KEYWORDS
bailtean
bailtean mòra
blàir
prìomh-bhailtean
togalaichean
eaglaisean
àrd-eaglaisean
aibhnichean
lochan
amaran-uisge
Inverness

Tha Inbhir Nis aig ceann a' Ghlinn Mhòir, air bruaichean Abhainn Nis. Tha e air ainmeachadh mar phrìomh-bhaile na Gàidhealtachd gu math tric.

Chaidh a stèidheachadh mar Bhaile Rìoghail le Rìgh Dàibhidh ann an 1158. Tha ceangal aige ri MacBheatha, a thog caisteal sa bhaile, cuideachd.

Bha Inbhir Nis an sàs ann an Aramach nan Seumasach ann an 1745, a chrìochnaich le Blàr Chùil Lodair ann an 1746. Bha buaidh mhòr aig Sligh'-uisge na h-Alba air a' bhaile nuair a chaidh a thogail ann an 1822. 'S ann ann an Inbhir Nis a chaidh an aon choinneamh de Chaibineat Bhreatainn nach robh ann an Lunnainn a chumail, ann an Talla a' Bhaile ann an 1921 nuair a dhiùlt Èirinn an Rìgh is an Ìompaire fhad 's a bha Lloyd George air saor-làithean air Taobh Siar Rois.

Chan eil mòran thogalaichean tràth air fhàgail ann an Inbhir Nis seach gun robh e co-cheangailte ri uiread de dh'eachdraidh bhrùideil Alba, is tha a' mhòr-chuid den ailtearachd on 19mh linn.

Chaidh inbhe bhaile-mòr a thoirt do dh'Inbhir Nis ann an 2000, fear de thrì Bailtean-mòra nam Mìle Bliadhna. Cha b' e baile-mòr a bh'ann roimhe seach nach robh stìoball air a' chathair-eaglais.

Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Boswell's Journal of the Tour to the Hebrides with Samuel Johnson' (deasachadh 1852)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1770an

bailtean; bailtean mòra; blàir; prìomh-bhailtean; togalaichean; eaglaisean; àrd-eaglaisean; aibhnichean; lochan; amaran-uisge

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)