Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Flòraidh NicDhòmhnaill
EXTERNAL ID
QZP40_914_117_P011
DEIT
1852
LINN
1770an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31353
KEYWORDS
Teàrlach Eideard Stiùbhart
Cùil Lodair
eilthireachd
feachdan
dìlsich
Seumasaich
Flora MacDonald

Bha Flòraidh NicDhòmhnaill à Uibhist a Deas, ach chaidh a togail san Eilean Sgitheanach. Tha i ainmeil airson Prionnsa Teàrlach a chuideachadh 's e a' teiche an dèidh Aramach nan Seumasach ann an 1745.

Nuair a choinnich i am Prionnsa an toiseach, cha robh i deònach cuideachadh a thoirt dha, ach chaidh ìmpidh a chur oirre a thoirt dhan Eilean Sgitheanach. Chuir i air aodach na searbhanta Èireannaich aice, Betty Burke, is dh'iomair iad o Bheinn a' Bhaoghla gu Port Rìgh far an d'fhuair am Prionnsa air seòladh dhan Fhraing. Chaidh Flòraidh a chur an grèim, ach chaidh a leigeil às a-rithist.

Phòs Flòraidh Ailean Dòmhnallach à Cinnseaborg is rinn iad eilthireachd gu Carolina a Tuath ann an 1774 far an robh iad gnìomhach a' toirt air Albannaich sabaid air taobh nam Breatannach anns an Aramach Aimeireaganach. An dèidh do na Breatannaich a bhith air an ruagadh, chaidh iad air ais dhan Eilean Sgitheanach. Bhàsaich Flòraidh ann an 1790 is tha i air a tiodhlacadh ann an cladh Chille Mhoire.

Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Boswell's Journal of the Tour to the Hebrides with Samuel Johnson' (deasachadh 1852)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Flòraidh NicDhòmhnaill

1770an

Teàrlach Eideard Stiùbhart; Cùil Lodair; eilthireachd; feachdan; dìlsich; Seumasaich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)