
'S e eilean fàs an iar-dheas air Colbhasa a th'ann an Stafa. Tha an t-ainm a' ciallachadh 'eilean nan colbh' is tha an t-eilean an urra ri Urras Nàiseanta na h-Alba. Tha 82 acair san eilean is tha e ainmeil airson nan stacan basalt a th'ann. Tha iad den aon seòrsa 's a th'ann an Cabhsair an Fhuamhaire ann an Èirinn a Tuath.
Tha iomadh uamh mu chost Stafa. 'S e Uamh Fhingail, a tha 66 troigh a dh'àirde is 240 troigh a dhoimhneachd, as ainmeile. Tha an Colonnade, no an Aghaidh Mhòr, gu taobh sear Uamh Fhingail. 'S e colbhan suas gu 56 troigh a dh'àirde a tha sa chreig seo.
Tha iomadh duine, mar Sir Bhàtair Scott is Uilleam Wordsworth air tadhal air Stafa. 'S e an t-eilean a thug brosnachadh do Mhendelssohn airson a' 'Hebrides Overture' aige.
Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Boswell's Journal of the Tour to the Hebrides with Samuel Johnson' (deasachadh 1852)