Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Chaol a' Chùirn
EXTERNAL ID
QZP40_914_117_P016
ÀITE
Caisteal Chaol a' Chùirn
SGÌRE
Ceann a Deas Latharna
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Gleann Urchaidh 's Innis
DEIT
1852
LINN
1770an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31358
KEYWORDS
caistealan
lochan
taighean-feachda
togalaichean
cinnidhean
stoirmean
eileanan
Kilchurn Castle

Tha Caisteal Chaol a' Chùirn air rubha beag ann an Loch Obha, mu mhìle an iar air Dail Mhàilidh. Tha an caisteal on 15mh linn, is b' e Cailean Caimbeul, 1mh Mhorair Ghleann Urchaidh, a thog e. Ann an 1681, b' e Sir Iain Caimbeul à Gleann Urchaidh a' Chiad Iarla a bha air Bràghad Albainn, is anns na 1690an rinn e taighean-feachda a ghabhadh suas ri 200 saighdear den chaisteal. Bha an caisteal air a chleachdadh mar thaighean-feachda an Riaghaltais ann an Aramach nan Seumasach ann an 1715 is 1745 ach, a dh'aindeoin oidhirpean nan Caimbeulach, cha do cheannaich an Riaghaltas an casiteal idir. Dh'fhàg na Caimbeulaich Caisteal Chaol a' Chùirn airson Caisteal a' Bhealaich is na h-oighreachdan aca ann an Siorrachd Pheairt ann an 1740. Ann an 1760, rinn dealanach uiread de mhilleadh air a' chaisteal 's gun deach a thrèigsinn, is chaidh e na thobhta.

An toiseach, bha Caisteal Chaol a' Chùirn air eilean, ach ann an 1817 dh'ìslich an loch nuair a chaidh na bha a' sruthadh dhan Bhrannradh a ghlanadh. Tha an caisteal air a bhith an urra ri Alba Eachdraidheil o 1953.

Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Boswell's Journal of the Tour to the Hebrides with Samuel Johnson' (deasachadh 1852)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Chaol a' Chùirn

EARRA-GHÀIDHEAL: Gleann Urchaidh 's Innis

1770an

caistealan; lochan; taighean-feachda; togalaichean; cinnidhean; stoirmean; eileanan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

Tha Caisteal Chaol a' Chùirn air rubha beag ann an Loch Obha, mu mhìle an iar air Dail Mhàilidh. Tha an caisteal on 15mh linn, is b' e Cailean Caimbeul, 1mh Mhorair Ghleann Urchaidh, a thog e. Ann an 1681, b' e Sir Iain Caimbeul à Gleann Urchaidh a' Chiad Iarla a bha air Bràghad Albainn, is anns na 1690an rinn e taighean-feachda a ghabhadh suas ri 200 saighdear den chaisteal. Bha an caisteal air a chleachdadh mar thaighean-feachda an Riaghaltais ann an Aramach nan Seumasach ann an 1715 is 1745 ach, a dh'aindeoin oidhirpean nan Caimbeulach, cha do cheannaich an Riaghaltas an casiteal idir. Dh'fhàg na Caimbeulaich Caisteal Chaol a' Chùirn airson Caisteal a' Bhealaich is na h-oighreachdan aca ann an Siorrachd Pheairt ann an 1740. Ann an 1760, rinn dealanach uiread de mhilleadh air a' chaisteal 's gun deach a thrèigsinn, is chaidh e na thobhta.<br /> <br /> An toiseach, bha Caisteal Chaol a' Chùirn air eilean, ach ann an 1817 dh'ìslich an loch nuair a chaidh na bha a' sruthadh dhan Bhrannradh a ghlanadh. Tha an caisteal air a bhith an urra ri Alba Eachdraidheil o 1953.<br /> <br /> Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Boswell's Journal of the Tour to the Hebrides with Samuel Johnson' (deasachadh 1852)