
Tha tursachan Chalanais air taobh sear Loch Ròdhaig ann an Leòdhas. Tha còrr is 20 carragh eadar-dhealaichte air an làraich, a chaidh a thogail o chionn 3,000 is 4,000 bliadhna.
'S e 'Calanais I' a th'air an fhear as ainmeile is tha mu 50 clach ann, le 13 dhiubh ann an cearcall mu thimcheall na cloich as àirde (a tha mu 16 troigh is 5 tunna) anns a' mheadhan. Tha sreath dhùbailte de chlachan a' dol gu tuath, a' cruthachadh slighe. Tha sreathan de chlachan singilte a' dol an ear, an iar is deas on chearcall sa mheadhan. Thathar den bheachd gun robh na loidhnichean eadar-dhealaichte a' comharrachadh puingean sònraichte ann an Cuairt na Gealaich. Bidh e coltach nach robh an làrach a' ciallachadh càil dhan fheadhainn a thog e às dèidh 800BC is dh'fhàs mòine thar nan clachan. Chaidh mu 6 troighean de mhòine a ghlanadh ann an 1857, a' toirt nan clachan am follais a-rithist.
Tha an dealbh seo air a thoirt o 'Our Ancient Monuments and the Land Around Them', le Teàrlach Philip Kains-Jackson (1880)