Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cath Raon Ruaraidh
EXTERNAL ID
QZP40_914_P001
ÀITE
Coille Chnagaidh
SGÌRE
A' Ghàidhealtachd / Siorrachd Pheairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT: Blàr Athall
DEIT
1829
LINN
1680an
CRUTHADAIR
D O Hill
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31365
KEYWORDS
blàir
Seanalair Ùisdean Mac Aoidh
Bhiocant Dhùn Dè
ionnsaighean
Seumasaich
feachdan
saighdearan
The Battle-Ground of Killiecrankie

Chaidh Cath Raon Ruairidh a chur air an t-27mh den Iuchar 1689 eadar Seumasaich Bhiocant Dhùn Dè is saighdearan Uilleamach an t-Seanalair Ùisdean Mac Aoidh. Bha eòlas-cogaidh aig Dùn Dè, is thug seo air na saighdearan aige a shuidheachadh air druim air taobh deas a' bhealaich. Chaidh Mac Aoidh gu talamh còmhnard fon druim is dh'fhuirich e, an àite ionnsaigh a dhèanamh suas an leathad. Mar thoradh air plana Dhùn Dè, bha saighdearan Mhic Aoidh a' coimhead dhan ghrèin san iar, leis an abhainn air an cùlaibh.

An dèidh comharra fhaotainn, ruith na Seumasaich sìos an leathad, a' losgadh is a' tilgeil nan raidhfilean aon-pheilearach air falbh is a' toirt ionnsaigh air saighdearan Mhic Aoidh le claidhean mòra. Ghabh na saighdearan ùra ann an arm Mhic Aoidh eagal is theich iad, le na Seumasaich dhan ruagadh. Bha Ionnsaigh nan Gàidheal uabhasach èifeachdach, is cha mhòr gun do mhair am blàr 15 mionaidean. Chaidh Bhiocant Dhùn Dè a mharbhadh sa bhlàr is chaidh arm nan Seumasach ann an àimhreit mar thoradh air an sin. Fhuair Mac Aoidh làmh an uachdar orra an taobh a-staigh bliadhna.

Gheibhear an dealbh seo ann an History of the Rebellions in Scotland, under the Viscount of Dundee and the Earl of Mar, in 1689 and 1715', le Raibeart Chambers

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cath Raon Ruaraidh

PEAIRT: Blàr Athall

1680an

blàir; Seanalair Ùisdean Mac Aoidh; Bhiocant Dhùn Dè; ionnsaighean; Seumasaich; feachdan; saighdearan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

Chaidh Cath Raon Ruairidh a chur air an t-27mh den Iuchar 1689 eadar Seumasaich Bhiocant Dhùn Dè is saighdearan Uilleamach an t-Seanalair Ùisdean Mac Aoidh. Bha eòlas-cogaidh aig Dùn Dè, is thug seo air na saighdearan aige a shuidheachadh air druim air taobh deas a' bhealaich. Chaidh Mac Aoidh gu talamh còmhnard fon druim is dh'fhuirich e, an àite ionnsaigh a dhèanamh suas an leathad. Mar thoradh air plana Dhùn Dè, bha saighdearan Mhic Aoidh a' coimhead dhan ghrèin san iar, leis an abhainn air an cùlaibh.<br /> <br /> An dèidh comharra fhaotainn, ruith na Seumasaich sìos an leathad, a' losgadh is a' tilgeil nan raidhfilean aon-pheilearach air falbh is a' toirt ionnsaigh air saighdearan Mhic Aoidh le claidhean mòra. Ghabh na saighdearan ùra ann an arm Mhic Aoidh eagal is theich iad, le na Seumasaich dhan ruagadh. Bha Ionnsaigh nan Gàidheal uabhasach èifeachdach, is cha mhòr gun do mhair am blàr 15 mionaidean. Chaidh Bhiocant Dhùn Dè a mharbhadh sa bhlàr is chaidh arm nan Seumasach ann an àimhreit mar thoradh air an sin. Fhuair Mac Aoidh làmh an uachdar orra an taobh a-staigh bliadhna.<br /> <br /> Gheibhear an dealbh seo ann an History of the Rebellions in Scotland, under the Viscount of Dundee and the Earl of Mar, in 1689 and 1715', le Raibeart Chambers