Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgeidse de dh'Iomairt Sheanalair Monck ann an 1654
EXTERNAL ID
QZP40_941_006_P001
DEIT
1654
LINN
1650an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31366
KEYWORDS
iomairtean
blàran
Crombail
Cùmhnantaich
ar-a-mach
gearasdanan
airm
mapaichean
planaichean
zoomable
deilbh leudachail

B' e fear den luchd-taic a bu dhìlse aig Crombail a bh' ann an Seanalair Seòras Monck. Fhad 's a bha Crombail a' riaghladh, an dèidh do Theàrlach I a bhith air a chur gu bàs, bha Monck na Cheannard ann an Alba.

Ann an 1652 chaidh Morair Middleton a shuidheachadh mar Cheannard Theàrlaich II air a' Ghàidhealtachd agus ann an 1654 bha tuilleadh air 8,000 saighdear aige ann. Thòisich Seanalair Monck na Cheannard ann an 1654, agus thog e arm a dhol a shabaid an aghaidh Middleton sa Ghàidhealtachd anns An Ògmhios sa bhliadhna ud. Rinn e dà cholbh den arm aige is mar sin fhuair e làmh an uachdar air Middleton, is ghlac e e aig Loch Garaidh.

Chuir Monck cìsean àrda air athair sam bith a leigeadh le a mhac a dhol a shabaid air taobh an Riaghaltais, is bha e a' tabhann deagh dhuaisean nan deidheadh duine de luchd-stiùiridh nan Rìoghairean a ghlacadh. Anns an Iuchar, dh'innis e do Chrombail gun robh na Rìoghairean sgapte is gun robh e air pàirtean den Ghàidhealtachd a losgadh. Stèidhich e seirbhis mhath fiosrachaidh sa Ghàidhealtachd cuideachd. Tha e air a ràdh gun d' rinn Monck barrachd gus na Ridirean Albannach buaireasach a chur fo smachd na rinn Rìgh sam bith roimhe. Gus smachd a chumail, chuir Monck air dòigh gearasdanan an Inbhir Air, Inbhir Lòchaidh, Inbhir Nis, Lìte is Peairt.

An dèidh bàs Chrombail, bha aimhreit is èiginn an taobh a-staigh arm Mhonck 's mar sin thionndaidh e gu taobh Theàrlaich II, is chuir e air ais air an rìgh-chathair e.

Tha am map seo o leabhar XVIII de Ghnìomhan Comann Gàidhlig Inbhir Nis, 1891-1892

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgeidse de dh'Iomairt Sheanalair Monck ann an 1654

1650an

iomairtean; blàran; Crombail; Cùmhnantaich; ar-a-mach; gearasdanan; airm; mapaichean; planaichean; zoomable; deilbh leudachail

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (maps)