- TIOTAL
- Mapa de Hiort
- EXTERNAL ID
- QZP40_941_17
- ÀITE
- Hiort
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Na Hearadh
- DEIT
- 1764
- LINN
- 1760an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 31369
- KEYWORDS
- mapaichean
eileanan
eòin
eòin mhara
tìrean-imrich
armailteach
Ministreachd an Dìon
zoomable
deilbh leudachail
'S e buidheann beag de dh'eileann mu 41 mìle an iar air Beinn a' Bhaoghla anns na h-Eileanan Siar a th' ann an Hiort. 'S e Hiort (am prìomh eilean), Dùn, Sòdhaigh is Boraraigh na h-eileanan sa bhuidheann.
Tha daoine air a bhith a' fuireach fad 2,000 bliadhna, ach chaidh na h-eileanaich mu dheireadh a thoirt on eilean ann an 1930, an dèidh dhaibh fhèin sin iarraidh. Bha ìsleachadh ann am fèin-fhoghainteachd an eilein air tòiseachadh tràth san 19mh linn. Anns a' Chogadh Mhòr bha post is biadh air a thoirt dhan eilean gu cunbhalach don chuideachd-airm nèibhi a bh' air a chumail air Hiort, ach chaill na h-eileanaich am misneachd nuair a stad seo an dèidh a' chogaidh.
Ann an 1957, dh'fhàg 5mh Marcais Bhòid Hiort aig Urras Nàiseanta na h-Alba. 'S ann an urra ri Urras Nàdarra na h-Alba a tha iad an-diugh. Tha stèisean reudair Ministreachd an Dìon air an eilean gus sùil a chumail air raon urchair Beinn a' Bhaoghla. Chan eil duine a' fuireach air na h-eileanan an-diugh ach luchd-armailteach, neach-glèidhidh is luchd-saidheans. Tha Hiort na dhachaigh don àireamh shùlairean as motha san t-saoghal, an àireamh fhulmairean as motha ann am Breatainn is dàrna leth nam buthaidean ann am Breatainn.
Tha am map seo a' sealltainn a' phrìomh eilein is nan àitean-fuirich air mu 1764. Tha e o 'The History of St Kilda' leis an Urr Coinneach MacAmhlaigh (1764)