Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Plana de Pheairt
EXTERNAL ID
QZP40_941_32_P001
ÀITE
Peairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT
DEIT
1805
LINN
1800an
CRUTHADAIR
Kirkwood & Sons
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31375
KEYWORDS
mapaichean
planaichean
bailtean
prìomh-bhailtean
rìghrean
sràidean
aibhnichean
zoomable
deilbh leudachail

'This Plan of Perth with the Intended Additions and Improvements is Respectfully Inscribed to Thomas Hay Marshall Esq.'

Tha Peairt ann am meadhan Alba aig àite-còise cudthromach air Uisge Tatha. An toiseach bha campa aig na Ròmanaich aig beul-an-làin, beagan gu tuath air a' bhaile a th' ann an-diugh. Ann an 1125, stèidhich Rìgh Dàibhidh I baile, agus 's e seo Peairt a th' againn an-diugh. Chaidh a dhealbhadh ann am plana clèithe, mar a chithear fhathast. Chaidh drochaid a thogail thar an Tatha, a' ceangal Peairt ri Sgàin, seann phrìomh-bhaile na h-Alba.

Bha cudthrom armailteach aig suidheachadh Pheairt, aig an àite-coise as ìsle air Uisge Tatha. Dhaingnich na Sasannaich e is bha e fon smachd aig àm Cogaidhean na Saorsa, gus an do ghlac Raibeart am Brus e san Fhaoilleach 1313. Chleachd feachdan nan Seumasach, nan Cùmhnantaich is Chrombail e a-rithist. Bha cuid an dòchas gur e prìomh-bhaile Alba a bhiodh ann am Peairt, seach gu robh e cho faisg air Sgàin. Bhàsaich an dòchas sin nuair a chaidh Seumas I a mhurt sa bhaile. Chaidh Seumas II, nach robh ach sia bliadhna a dh'aois, a chrùnadh ann an Dùn Èideann 's cha b' ann am Peairt, oir bha a mhàthair den bheachd gum biodh e na bu shàbhailte.

'B ann ann am Peairt a thòisich an t-Ath-leasachadh ann an Alba, le searmon Iain Knox ann an Eaglais an Naoimh Eòin.

Tha an dealbh seo o 'Memorabilia of the City of Perth' leis an Urr Alasdair Dubh (Duff) (1806)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Plana de Pheairt

PEAIRT

1800an

mapaichean; planaichean; bailtean; prìomh-bhailtean; rìghrean; sràidean; aibhnichean; zoomable; deilbh leudachail

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (maps)