Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Anndra Marshall mu sheirbheis san Arm aig àm a' chogaidh
EXTERNAL ID
WD_BF01_TRACK05_MARSHALL_01
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Andrew Marshall
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3138
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
cogaidhean
Feachdan Armaichte
arm
batàilleannan
rèisimeidean
Gàidheil Chamshroin
batail
blàir
cathan
saighdearan
claistinneach

Get Adobe Flash player

Bha Anndra Marshall o Cheann Loch Beirbh còmhla ris na Camshròinianaich ann an Afraga a Tuath, Sicily agus sa Bheilg.

Uill, air m' fhicheadamh co-là-breith bha mi nam sheasamh air soitheach-trùip a' seòladh a-steach gu baile mòr Algiers ann an Afraga a Tuath. Bha mi den bheachd gur e pàrtaidh nam fichead bliadhna uabhasach math a bha sin dhomh. Ach cha robh sinn ach greiseag bheag an sin is an uairsin ghluais sinn a-null gu Sicily agus dhan Eadailt. An-toiseach bha mi a' smaoineachadh gu robh e uabhasach math - caran coltach ri saor-làithean, eil fhios agad. Bha a' ghrian a' deàrrsadh 's a h-uile càil. Agus an uairsin, ge ta, ghlac sinn suas air na Gearmailtich, agus b' e a' chiad chomharra a fhuair sinn na bomaichean mortair. An cuala tu riamh mu na bomaichean mortair? Bidh iad a' dol siùùùù....uis mus sprèadh iad. Mar sin, ach bha triùir againn ann còmhla. Cha robh cus eagail oirnn no cail mar sin ach 's e dìreach...agus an uairsin, air an oidhche, agus tha e inntinneach mar a....tha fios agad mar a bhios saighdearan a' cladhadh trannsa a thèid iad ann gus am bi iad air an dìon ...uill, tha e ag obair a chionns air an oidhche sin sprèadh boma mortair oirnn cho faisg oirnn 's a tha thusa ormsa an-dràsta, ach cha do bhuail sìon orm bhon a bha mi aig ìre na b' ìsle agus chaidh a h-uile càil thairis air mo cheann.

Agus an uairsin, a' tighinn faisg air deireadh a' chogaidh, bha e uabhasach math oir bha sinn sa Bheilg, àite den ainm Oostaker, agus bha e cho coltach ri bhith air ais am meadhan an dachaigh bhon bha sinn air a bhith a-muigh air feadh an fhàsaich a h-uile h-àite a chaidh sinn. Bha sinn sa bhaile bheag seo, agus bha sinn a' fuireach ann an taighean agus bha e mar gun robh sinn air ar saor-làithean. Bhiodh am boireannach a' dèanamh waffles air an oidhche agus bha sin againn agus bha bùth fish 'n chips ann, an t-aon rud sa bhitheadh aig an taigh agus bha a h-uile duine gu math dàimheil. Agus nuair a dh'fhàg sinn an t-àite sin tha e coltach gu robh na daoine cho dèidheil oirnn gun do dh'ainmich iad sràid ùr às ar dèidh. Chuir iad an '2nd Battalion Cameronian Straat' oirre às dèidh nan saighdearan a bha an siud còmhla riutha.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Cheann Loch Biorbhaidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Anndra Marshall mu sheirbheis san Arm aig àm a' chogaidh

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; cogaidhean; Feachdan Armaichte; arm; batàilleannan; rèisimeidean; Gàidheil Chamshroin; batail; blàir; cathan; saighdearan; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)