Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Donnchadh MacAonghais mu chuimhneachan sa Chabhlach Mharsanta
EXTERNAL ID
WD_BF01_TRACK06_MACINNES
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Duncan MacInnes
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3139
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
cogaidhean
soithichean
bàtaichean
cabhlach marsanta
nèibhidh
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha Donnchadh MacAonghais o Cheann Loch Lìobhain ag aithris air a thachartasan sa Chabhlach Mharsanta san Dàrna Cogadh.

Bha sinn a' ruith dhan Ghearmailt, a Bhremen, às dèidh a' chogaidh, air turas air an robh 'ruith na gorta' (famine run). 'S ann a bha sinn ann am bàta Liberty dhen ainm an Samboats. Bha iad a' togail aon bhàta mar seo a h-uile là ann am Baltimore aig an àm. Bha iad a' togail nan 'drochaidean', na taighean-tarsainn àiteigin eile, Berkeley ann am Massachusetts, saoilidh mi. Agus bhiodh 'drochaid' an t-soithich air aon chrann mhòr agus bhiodh iad a' cur sìos an taigh-tarsainn seo, slàn, air clàr a' bhàta. Aon seachdain gus crìoch a chur air aon soitheach. Agus b' e sin a shàbhail sinn, eil fhios agad. Agus dìreach às dèidh a' chogaidh bha sinn a' seòladh bho Ghalveston sna Stàitean - Mobile, Alabama - dhan Ghearmailt le biadh agus tha cuimhn agam gu robh sgiobair agus 'mate' againn às a' Chuimrigh. B' e Gàidheil a bha san sgioba gu lèir, eil fhios agad, a dhuine. Thàinig an Cuimreach sìos agus thuirt e "Chan fhaod sibh a bhith a' bruidhinn, a' còmhradh ris na daoine a tha sin." Ach cha b' urrainn dhuinn càil eile a dhèanamh. Dh'fheumadh tu bhith 'g obair air an deac agus bha fir a' chidhe an sin. Agus bha na daoine bochda sin gan tolladh leis an acras, eil fhios agad, agus bha sinne a' toirt dhaibh na bha air fhàgail dhen dinneir againn. Agus och, thàinig e fhèin sìos agus bha e a' dol a sgrìobhadh sìos ar n-ainmean 's a' dol a chur na cuip ruinn, aig Dia tha fios dè eile, dìreach airson a bhith a' toirt biadh dha na Gearmailtich. Agus ma thùirt, thionndaidh an duine mòr seo à Steornabhagh air agus dh'innis e dha gu feumadh e eisteachd, eil fhios agad. Ach cha robh annta ach daoine coltach ruinn fhìn agus dh'fheumadh iad biadh fhaighinn....

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Cheann Loch Lìobhann.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Donnchadh MacAonghais mu chuimhneachan sa Chabhlach Mharsanta

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; cogaidhean; soithichean; bàtaichean; cabhlach marsanta; nèibhidh; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)

Tha Donnchadh MacAonghais o Cheann Loch Lìobhain ag aithris air a thachartasan sa Chabhlach Mharsanta san Dàrna Cogadh.<br /> <br /> Bha sinn a' ruith dhan Ghearmailt, a Bhremen, às dèidh a' chogaidh, air turas air an robh 'ruith na gorta' (famine run). 'S ann a bha sinn ann am bàta Liberty dhen ainm an Samboats. Bha iad a' togail aon bhàta mar seo a h-uile là ann am Baltimore aig an àm. Bha iad a' togail nan 'drochaidean', na taighean-tarsainn àiteigin eile, Berkeley ann am Massachusetts, saoilidh mi. Agus bhiodh 'drochaid' an t-soithich air aon chrann mhòr agus bhiodh iad a' cur sìos an taigh-tarsainn seo, slàn, air clàr a' bhàta. Aon seachdain gus crìoch a chur air aon soitheach. Agus b' e sin a shàbhail sinn, eil fhios agad. Agus dìreach às dèidh a' chogaidh bha sinn a' seòladh bho Ghalveston sna Stàitean - Mobile, Alabama - dhan Ghearmailt le biadh agus tha cuimhn agam gu robh sgiobair agus 'mate' againn às a' Chuimrigh. B' e Gàidheil a bha san sgioba gu lèir, eil fhios agad, a dhuine. Thàinig an Cuimreach sìos agus thuirt e "Chan fhaod sibh a bhith a' bruidhinn, a' còmhradh ris na daoine a tha sin." Ach cha b' urrainn dhuinn càil eile a dhèanamh. Dh'fheumadh tu bhith 'g obair air an deac agus bha fir a' chidhe an sin. Agus bha na daoine bochda sin gan tolladh leis an acras, eil fhios agad, agus bha sinne a' toirt dhaibh na bha air fhàgail dhen dinneir againn. Agus och, thàinig e fhèin sìos agus bha e a' dol a sgrìobhadh sìos ar n-ainmean 's a' dol a chur na cuip ruinn, aig Dia tha fios dè eile, dìreach airson a bhith a' toirt biadh dha na Gearmailtich. Agus ma thùirt, thionndaidh an duine mòr seo à Steornabhagh air agus dh'innis e dha gu feumadh e eisteachd, eil fhios agad. Ach cha robh annta ach daoine coltach ruinn fhìn agus dh'fheumadh iad biadh fhaighinn....<br /> <br /> Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Cheann Loch Lìobhann.