Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sir Raibeart Rothach à Foghlais
EXTERNAL ID
QZP40_1013_P070
LINN
1740an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31394
KEYWORDS
Rothach
Whigs
Seumasaich
saighdearan
cinnidhean
cinn-cinnidh
Am Freiceadan Dubh
an Eaglais Bhreac
batailean
Sir Robert Munro of Foulis

Rugadh Sir Raibeart Rothach à Foghlais ann an 1684. Bha e tric ann an cuideachd luchd àrda poilitigeach agus bha e dìleas do na Cuigsich. Fhuair e duais a dhìlseachd dhan chrùn ann an 1714 nuair a chaidh a dhèanamh na Chaiptein air aon de na Companaidhean airm neo-eisimileach a bha a' cumail rian air a' Ghaidhealtachd.

Mar luchd-taic an rìgh cha toireadh Raibeart Rothach no a theaghlach taic do dh'Iarla Shìophoirt aig àm aramach nan Seumasach ann an 1715, agus dh' fheuch iad, gun fheum, ri stad a chur air Sìophort nuair a bha e a' feuchainn ri baile Inbhir Nis a ghlacadh.

B' e Raibeart Rothach aon de na triùir Albannaich a chaidh a chur air a' Choimisean a bha a' meas agus a' dèiligeadh ri oighreachdan a chaidh arbhartachadh neo a thoirt air falbh bho luchd-taic nan Seumasach as dèidh aramach nan Seumasach ann an 1715. Nuair a bhàsaich athair ann an 1729, thàinig tiotalan, Rothach Fòghlais agus 6mh Ridire, air Raibeart Rothach. Chuir e air dòigh fearann a chur le craobhan air an oighreachd agus, bhon bha e cuideachd na èildear ann an Eaglais an Aonaidh, bha e an sàs anns an 'ath leasachadh' ann an eaglaisean na Gaidhealtachd an lùib nan ceistearan agus nam fir-searmonachaidh a bha a' siubhal air feadh an àite.

Nuair a chaidh na companaidhean neo-eisimeil an ath-chruthachadh mar an 42mh Saighdearan Gàidhealach (Am Freiceadan Dubh) b' e Raibeart Rothach am Fo-Chòirneal aca. Fhuair an rèisimeid òrdugh a dhol air ais a dh'Alba ann an 1746 far an deach Rothach a mharbhadh aig Blàr na h-Eaglaise Brice. Chaidh a thìodhlaigeadh ann an cladh san Eaglais Bhreac.

Chaidh an dealbh seo a thogail bho 'Historical Notes' le D. Murray Rose

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sir Raibeart Rothach à Foghlais

1740an

Rothach; Whigs; Seumasaich; saighdearan; cinnidhean; cinn-cinnidh; Am Freiceadan Dubh; an Eaglais Bhreac; batailean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)