Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Clach a' Chruinneachaidh, Sliabh an t-Siorraim
EXTERNAL ID
QZP40_1020_P029
ÀITE
Sliabh an t-Siorraim
SGÌRE
Dùn Bhlathain
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT
LINN
1710an
CRUTHADAIR
John E. Shearer
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31397
KEYWORDS
batalan
blàran
Seumasaich
Hanobharianaich
Iarla Mhàrr
Diùc Earra-Ghàidheil
feachdan
saighdearan
clachan
cruinneachaidhean
Gathering Stone, Sheriffmuir

Mu thrì mìle an ear air Dùn Bhlathain tha an raon far an robh Blàr Sliabh an t-Siorraim. Tha e air aithris gun do sheas Diùc Earra-ghàidheil aig Clach a' Chruinneachaidh a' coimhead feachd nan Seumasach ag uidheamachadh airson a' bhlàir. Anns an t-Samhainn 1715 choinnich 12,000 saighdear Seumasach, agus Iarla Mhàrr air an ceann, ri 4,000 saighdear an riaghaltais agus Diùc Earra-ghàidheil air an ceann.
Bha gach taobh a' cumail a-mach gur iad a bhuannaich ach ged a bha barrachd shaighdearan aig Màrr cha do ghabh e an cothrom brath a ghabhail air saighdearan Iarla Earra-ghàidheil. Air sgàth na mì-chinnt aig Blàr Sliabh an t-Siorraim, cha toireadh na Frangaich agus na Spàinntich an còrr taic seachad. Bhuannaich Iarla Earra-ghàidheil an latha air sgàth cho luideach 's a bha an stiùireadh a bha air na Seumasaich. Fhuair cliù nan Seumasach droch dhìol agus thàinig crìoch air an aramach.
Thàinig an dealbh seo à 'The Battle of Sheriffmuir' le 'an FSA Scot' (i.e. John E. Shearer)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Clach a' Chruinneachaidh, Sliabh an t-Siorraim

PEAIRT

1710an

batalan; blàran; Seumasaich; Hanobharianaich; Iarla Mhàrr; Diùc Earra-Ghàidheil; feachdan; saighdearan; clachan; cruinneachaidhean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

Mu thrì mìle an ear air Dùn Bhlathain tha an raon far an robh Blàr Sliabh an t-Siorraim. Tha e air aithris gun do sheas Diùc Earra-ghàidheil aig Clach a' Chruinneachaidh a' coimhead feachd nan Seumasach ag uidheamachadh airson a' bhlàir. Anns an t-Samhainn 1715 choinnich 12,000 saighdear Seumasach, agus Iarla Mhàrr air an ceann, ri 4,000 saighdear an riaghaltais agus Diùc Earra-ghàidheil air an ceann.<br /> Bha gach taobh a' cumail a-mach gur iad a bhuannaich ach ged a bha barrachd shaighdearan aig Màrr cha do ghabh e an cothrom brath a ghabhail air saighdearan Iarla Earra-ghàidheil. Air sgàth na mì-chinnt aig Blàr Sliabh an t-Siorraim, cha toireadh na Frangaich agus na Spàinntich an còrr taic seachad. Bhuannaich Iarla Earra-ghàidheil an latha air sgàth cho luideach 's a bha an stiùireadh a bha air na Seumasaich. Fhuair cliù nan Seumasach droch dhìol agus thàinig crìoch air an aramach.<br /> Thàinig an dealbh seo à 'The Battle of Sheriffmuir' le 'an FSA Scot' (i.e. John E. Shearer)