Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Plana de Bhlàr Shliabh an t-Siorraim
EXTERNAL ID
QZP40_1020_P033
ÀITE
Slaibh an t-Siorraim
SGÌRE
Dùn Bhlathain
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT
LINN
1710an
CRUTHADAIR
John E. Shearer
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31399
KEYWORDS
batailean
blàran
Seumasaich
Sliabh an t-Siorraim
Hanòbharaich
Iarla Mhàirr
Diùc Earra-Ghàidheal
feachdan
saighdearan
cogadh
Plan of the Battle of Sheriffmuir

Chìthear sa phlana seo de Bhlàr Shliabh an t-Siorraim suidheachaidhean an dà fheachd-airm. Thya àireamhan an mu choinneamh nan diofar roinnean agus tha na h-àireamahn seo a' freagairt air àireamahan clàir air an dà thaobh den phlana anns am faighear ainmean nan roinnean.

San t-Sultain 1715, chuir Iain Arasgain an cèille, 6mh Iarla Mhàrir a thaic airson Sheumais Fhragnain Èideird Stiùbhairt, an Sean Tagraiche, agus rinn e mèarrsadh gu deas le feachd-airm de, cha mhòr, 12,000 saighdear. Chaidh fear Iain Caimbeul, 2mh Diùc Earra-Ghàidheal, a dhèanamh na cheannard air 4,000 saighdear air taobh nan Hanòbharach airson stad a chuir air na Seumasaich seo gus nach fhaigheadh iad na b' fhaide deas na Linn an Fhoirthe. Choinnich na feachdan aig Slaibh an t-Siorraim, faisg air Dùn Bhlàthain, air an 13mh là den t-Samhain 1715.

Thug na saighdearan air deis-làimh feachdan Mhàirr ionnsaigh cho chruaidh air làimh-chlì feachdan Chaimbeil agus gu robh ac' ri dhèanamh air Sruighlea. Aig a' cheart àm, bha na saighdearan air deis-làimh feachdan Chaimbeil air làimh-chlì feachdan Mhàirr a bhruthadh air ais. Le làimh-ch'li an da thaobh air chall, rinn Màrr ratreut a' Pheairt agus rinn Caimbeul an ceudna a Dhùn Bhlàthain.

Ged a bha barrachd shaighdearan air Marr, cha deargadh air a' chùis buileach a dhèanamh air Caimbeul air ri linn seo, tharraing na Frangaich agus na Spainntich an taic a bha iad a' tabhainn air falbh. Chaidh aithris air a' bhatail mar fhear a bhuannaich Caimbeul, agus thàchair crìonadh air an taic airson nan Seumasach agus sgur an ar-a-amch.

Tha an dealbh seo a' nochdadh sa leabhar 'The Battle of Sheriffmuir' le 'an FSA Scot' (i.e. Iain E. Shearer)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Plana de Bhlàr Shliabh an t-Siorraim

PEAIRT

1710an

batailean; blàran; Seumasaich; Sliabh an t-Siorraim; Hanòbharaich; Iarla Mhàirr; Diùc Earra-Ghàidheal; feachdan; saighdearan; cogadh

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)