Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Fìdhlearan a' cluich aig Bùth-obrach Alasdair Ghrannd agus Dhòmhnaill Riddell (3 de 3)
EXTERNAL ID
AB_GRANT_WORKSHOP_04
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
15 An t-Ògmhios 2010
LINN
2010an
CRUTHADAIR
Am Baile
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
314
KEYWORDS
àite obrach
fìdhlean
a' fìdhlearachd
ceòl traidiseanta
Fiddlers playing at Alexander Grant & Donald Riddell workshop (3 of 3)

Chaidh an dealbh-camara seo a thogail aig bùth-obrach shònraichte nam fidheall an 15mh Ògmhios 2010 ga ruith le Pròiseact Ceòl Traidiseanta Inbhir Nis aig Comhairle na Gàidhealtachd ann an co-obrach le Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealain Inbhir Nis. Sa bhùth-obrach seo chaidh obair dithis ainmeil a rinn agus a chluich an fhidheall - Alasdair 'Battan' Granndach agus Dòmhnall Riddell - a chomharrachadh.

Bhruidhinn dithis a chaidh a theagasg le Dòmhnall Riddell, Sarah-Jane Summers agus Irene Fhriseal, mu Riddell agus mu Ghrannd agus stiùir iad seisean fìdhle ann an tè de na gailearaidhean aig Taigh-tasgaidh Inbhir Nis. Air a taisbeanadh ann bha an fhidheall àraid a chruthaich Grannd, an Rondello, fidheall chruinn agus thuirt cuid, nuair a bha i ùr, gu robh seinn na fìdhle cruinn sin cho glan ri guth-seinn duine.

San dealbh chithear cuid de na cluicheadairean a ghabh pàirt sa bhùth-obrach.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Fìdhlearan a' cluich aig Bùth-obrach Alasdair Ghrannd agus Dhòmhnaill Riddell (3 de 3)

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

2010an

àite obrach; fìdhlean; a' fìdhlearachd; ceòl traidiseanta;

Am Baile

Chaidh an dealbh-camara seo a thogail aig bùth-obrach shònraichte nam fidheall an 15mh Ògmhios 2010 ga ruith le Pròiseact Ceòl Traidiseanta Inbhir Nis aig Comhairle na Gàidhealtachd ann an co-obrach le Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealain Inbhir Nis. Sa bhùth-obrach seo chaidh obair dithis ainmeil a rinn agus a chluich an fhidheall - Alasdair 'Battan' Granndach agus Dòmhnall Riddell - a chomharrachadh.<br /> <br /> Bhruidhinn dithis a chaidh a theagasg le Dòmhnall Riddell, Sarah-Jane Summers agus Irene Fhriseal, mu Riddell agus mu Ghrannd agus stiùir iad seisean fìdhle ann an tè de na gailearaidhean aig Taigh-tasgaidh Inbhir Nis. Air a taisbeanadh ann bha an fhidheall àraid a chruthaich Grannd, an Rondello, fidheall chruinn agus thuirt cuid, nuair a bha i ùr, gu robh seinn na fìdhle cruinn sin cho glan ri guth-seinn duine.<br /> <br /> San dealbh chithear cuid de na cluicheadairean a ghabh pàirt sa bhùth-obrach.