Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ìomhaigh-cinn a' Phrionnsa, Teàrlach Eideard Stiùbhart
EXTERNAL ID
QZP40_1061_P098
DEIT
1801
LINN
1740an
CRUTHADAIR
Le Moine
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31403
KEYWORDS
Prionnsa Teàrlach Eideart Stiùbhart
Cùil Lodair
Crùn na h-Alba
Flòraidh NicDhòmhnaill
Seumasaich
Bust of Charles Edward Stuart

B' e am Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart (1720-1788) a' chiad mhac aig Seumas Frangan Eideard Stiùbhart an 'Sean Tagraiche'. Rugadh e anns an Ròimh, na ogha do Sheumas VII Alba agus Seumas II Shasainn a bha air an crùn a chall aig àm an 'Aramach Glòrmhor' ann an 1688.

Bha Teàrlach Eideard den bheachd gur e athair oighre dligheach crùn Bhreatainn. An dèidh aramach Seumasaich neo-bhuinnigeach aig athair ann an 1715, b' e Am Prionnsa Teàrlach a bha an ceann an aramach Seumasach an 1745 nuair a dh'fheuch e ris a'chrùn fhaighinn air ais do na rìghrean Stiùbhartach. Chaidh gu math dhaibh an toiseach agus ràinig na Seumasaich Dàrbaidh ann an Sasainn mus do tharraing iad air ais do Ghaidhealtachd na h-Alba. Choinnich feachd nan Seumasach agus feachd an riaghaltais air Monadh Chùil Lodair anns a' Ghiblean, 1746. Seo am blàr mu dheireadh ann am Breatainn de shabaid làimh ri làimh; cha do sheas e fiù 's uair a thìde, agus leis an sin chaidh crìoch a chur air aramach nan Seumasach.

An dèidh call Chùil Lodair bha iomadh duine a' lorg a' Phrionnsa air feadh Bhreatainn, ach fhuair e air teicheadh dhan Fhraing le cuideachadh bho Fhlòraidh NicDhòmhnaill. Chuir e seachad an còrr dhe bheatha na fhògarrach anns an Ròimh agus bha nighean dhìolain aige, Charlotte, mus do phòs e Louise Maximilienne Caroline ann an 1772. Bhàsaich e leis an deoch agus le tinneas dòrainneachd inntinn anns an Ròimh ann an 1788.

'S e Le Moine ann am Pairios ann an 1749 a rinn snaidheadh an ìomhaigh-chinn seo.

Chaidh an dealbh seo a thoirt à 'History of the Rebellion' le Home

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ìomhaigh-cinn a' Phrionnsa, Teàrlach Eideard Stiùbhart

1740an

Prionnsa Teàrlach Eideart Stiùbhart; Cùil Lodair; Crùn na h-Alba; Flòraidh NicDhòmhnaill; Seumasaich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)