Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Plana de Bhlàr Prestonpans
EXTERNAL ID
QZP40_1061_P108
ÀITE
Prestonpans
DEIT
1801
LINN
1740an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31404
KEYWORDS
batailean
Na Seumasaich
feachdan
planaichean
Am Prionnsa Teàrlach Eideart Stiùbhart
Cùil Lodair
cinnidhean
Sir John Cope
muinntir Hanòbhair
zoomable

Seo plana de Bhlàr Prestonpans a' sealltainn far an robh na daoine a bha an sàs ann. Tha feachd nan Seumasach air an làimh dheis agus feachd an riaghaltais air an làimh chlì.

B' e Blàr Prestonpans a' chiad bhlàr ann an aramach nan Seumasach ann an 1745. Dh' fhailnich air Sir Iain Cope coinneachadh ri arm nan Seumasach air an rathad a Dhùn Eidean, 's mar sin dh' fhuirich e riutha aig Prestonpans. Bha dùil aig Cope gun tigeadh ionnsaigh bhon taobh an iar ach lorg na Seumasaich cuideigin a stiùireadh iad air frith-rathad troimh bhogalach (bogalach a bha Cope an dùil a bheireadh dìon dha shaighdearan) agus thug iad ionnsaigh air feachd Chope bhon ear. A dh'aindeoin dìth innealan-cath agus cho bochd 's a bha na buill-airm aca, rinn na Seumasaich a' chùis air feachd Cope gu furasta 's mharbh iad 500 agus chuir iad 1,500 an grèim gun mhòran chall dhaibh fhèin. Air sgàth 's gun do bhuannaich iad aig Prestonpans bha smachd aig na Seumasaich air a' chuid a bu mhotha de dh' Alba agus bha iad air am brosnachadh gu mòr. Bha am Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart làn chinnteach nach dèanadh feachd sam bith a' chùis air a shaighdearan agus thug sin misneachd do thuilleadh dhaoine tighinn a shabaid dha.

Chaidh an dealbh seo a thoirt às an leabhar aig Home, 'History of the Rebellion'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Plana de Bhlàr Prestonpans

1740an

batailean; Na Seumasaich; feachdan; planaichean; Am Prionnsa Teàrlach Eideart Stiùbhart; Cùil Lodair; cinnidhean; Sir John Cope; muinntir Hanòbhair; zoomable

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (maps)

Seo plana de Bhlàr Prestonpans a' sealltainn far an robh na daoine a bha an sàs ann. Tha feachd nan Seumasach air an làimh dheis agus feachd an riaghaltais air an làimh chlì.<br /> <br /> B' e Blàr Prestonpans a' chiad bhlàr ann an aramach nan Seumasach ann an 1745. Dh' fhailnich air Sir Iain Cope coinneachadh ri arm nan Seumasach air an rathad a Dhùn Eidean, 's mar sin dh' fhuirich e riutha aig Prestonpans. Bha dùil aig Cope gun tigeadh ionnsaigh bhon taobh an iar ach lorg na Seumasaich cuideigin a stiùireadh iad air frith-rathad troimh bhogalach (bogalach a bha Cope an dùil a bheireadh dìon dha shaighdearan) agus thug iad ionnsaigh air feachd Chope bhon ear. A dh'aindeoin dìth innealan-cath agus cho bochd 's a bha na buill-airm aca, rinn na Seumasaich a' chùis air feachd Cope gu furasta 's mharbh iad 500 agus chuir iad 1,500 an grèim gun mhòran chall dhaibh fhèin. Air sgàth 's gun do bhuannaich iad aig Prestonpans bha smachd aig na Seumasaich air a' chuid a bu mhotha de dh' Alba agus bha iad air am brosnachadh gu mòr. Bha am Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart làn chinnteach nach dèanadh feachd sam bith a' chùis air a shaighdearan agus thug sin misneachd do thuilleadh dhaoine tighinn a shabaid dha.<br /> <br /> Chaidh an dealbh seo a thoirt às an leabhar aig Home, 'History of the Rebellion'