Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dealbhan èibhinn poileataigeach - 'Campaigning in Lochmaddy', 1885
EXTERNAL ID
QZP40_1074_P01
DEIT
1885
LINN
1880an
CRUTHADAIR
SWA
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31407
KEYWORDS
taghaidhean
poileataigs
luchd-poileataigs
pàrtaidhean poileataigeach
dealbhan èibhinn
Political Cartoons - Campaigning in Lochmaddy, 1885

San dealbh èibhinn seo tha Teàrlach Friseal Mac an Tòisich a' sireadh bhòtaichean ann an Loch nam Madadh ann an iomairt taghaidh 1885. 'S e 'A popular demonstration in favour of C. Fraser Macintosh Esq. M.P., on his departure from Loch Maddy. As reported in the Inverness newspapers, October 1885. Communicated by P. Macintyre F.S.A. F.R.G.S.' a tha sgrìobhte air.

Bha e air a bhith na Bhall-phàrlamaid Libearalach neo-eisimeileach airson bailtean Inbhir Nis o 1874 agus, a dh'aindeoin sùil a dhreuchd a leigeil dheth, chaidh toirt air seasamh airson roinn-taghaidh Siorrachd Inbhir Nis a bh' aig Camshron Loch Iall 17 bliadhna.

Bha poileasaidhean Fhriseil Mhic an Tòisich an ìre mhath coltach ri feadhainn a' Phàrtaidh Libearalaich aig Gladstone, le cead-bhòtaidh a thoirt do bhoireannaich, na rèiltean a bhith an urra ris an stàite is tuathanasan mòra a roinn am measg chroitearan. Bha e an aghaidh Fèin-riaghladh na h-Èireann, is thug seo air atharrachadh o Libearalach neo-eisimeileach gu Libearalach Aonaidh.

'S ann mar seo a chaidh taghadh 1885:
Friseal Mac an Tòisich (Libearalach neo-eisimeil) - 3,555 bhòt
Reginald MacLeòid (Tòraidh) - 2,031
Sir Coinneach Mac a' Ghobhainn (Libearalach oifigeil) - 1,897

B' e na Libearalaich aig Gladstone am pàrtaidh bu mhotha san taghadh air fad, le 319 cathair an tachda ri 249 aig na Tòraidhean. Ach, cha robh mòr-chuid iomlan aca is bha cumhachd aig na h-Aonadairean Èireannach le 86 de na 102 cathair air fhàgail. Rinn seo tuilleadh sgaradh sa Phàrtaidh Libearalach mu Fhèin-riaghladh na h-Èirinn is chaidh taghadh eile a ghairm an ath bhliadhna

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dealbhan èibhinn poileataigeach - 'Campaigning in Lochmaddy', 1885

1880an

taghaidhean; poileataigs; luchd-poileataigs; pàrtaidhean poileataigeach; dealbhan èibhinn

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)