- TIOTAL
- Dealbhan èibhinn poileataigeach - 'The Quack Political Doctor', 1874
- EXTERNAL ID
- QZP40_1074_P03
- DEIT
- 1874
- LINN
- 1870an
- CRUTHADAIR
- unknown
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 31409
- KEYWORDS
- taghaidhean
poileataigs
luchd-poileataigs
pàrtaidhean poileataigeach
dealbhan èibhinn
Nochd an dealbh èibhinn seo san iomairt taghaidh airson Inbhir Nis ann an 1874. Bha luchd-taic Eneas Mhic an Tòisich Ràthaig Mhòir, tagraiche a' Phàrtaidh Libearalaich, gu tric a' cur às leth a' phrìomh neach-dùbhlain, Teàrlach Friseal Mac an Tòisich, gun robh e air prionnsabalan Tòraidheach a thrèigsinn is prionnsabalan Libearalach a ghabhail gu bhith soirbheachail san taghadh a-mhàin, oir bha an sgìre làidir le prionnsabalan Libearalach.
Bha Friseal Mac an Tòisich a' seasamh mar thagraiche Libearalach neo-eisimeileach is tha e na 'Quack Political Doctor' a rèir 'Higglers Blood Purifier', a bha a' toirt cothrom do dhaoine na prionnsabalan aca a thrèigsinn, geallaidhean a bhriseadh is rudan a ghealltainn gus an taghadh a bhuannachadh, san dealbh èibhinn seo.
'S ann mar seo a chaidh an taghadh airson roinnean-taghaidh Inbhir Nis (a' gabhail a-steach Inbhir Nis, Inbhir Nàrann, Farrais is A' Chananaich):
Friseal Mac an Tòisich (Libearalach neo-eisimeileach) - 1,134
Mac an Tòisich Ràthaig Mhòir (Libearalach) - 879
Mac an Tòisich Thoilm (Tòraidh) - 16
Fhuair na Libearalaich aig Uilleam Gladstone a' mhòrchuid de na bhòtaichean san taghadh, ach fhuair na Tòraidhean aig Beniamin Disraeli a' mhòrchuid ann an Taigh nan Cumantan. 'S e pàirt mòr den adhbhar gun d'fhuair iad iomadh roinn-taghaidh gun fharpais