Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Seumas MacNeacail mu Bhlàr Monte Casino
EXTERNAL ID
WD_BF01_TRACK07_NICOLSON_GAELIC
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
James Nicolson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3141
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
cogaidhean
Feuchdan Armaichte
arm
batail
blàir
cathan
claistinneach

Get Adobe Flash player

Uill, bha sinn treis mhòr timcheall air Casino mus do bhris sinn a-mach às. Agus mar a bha e a' tachairt bha am monastery aig Casino, bha e gu h-àrd air mullach nam beanntan a bha sin agus cha robh e soirbh faighinn faisg air an àite. Bha na Gearmailtich, bha iad air commanndadh air - ceithir-thimcheall air Casino. Agus chaidh an uamhas dhaoine a chall ann a shin ann an Casino is chunna mi ann an leabhar an àiteigineach eadar Gearmailtich is Breatannaich is a h-uile saighdear a bha a' sabaid, a h-uile rìoghachd a bha sabaid timcheall ann a shiud, gu robh suas mu fhichead mìle air an leòn no air an call, no rudeigineach dhen t-seòrsa sin. Agus mar a thuirt mi, bha e uamhasach doirbh faighinn a-staigh ann an Casino agus tha cuimhn 'am bha aon fheasgar mar a, nuair a bhrist sinn an uairsin a-staigh an Casino a' coimhead an Air Force a' bombadh an àite. Agus tha mi a' dèanamh dheth gu robh suas ri leth-cheud plean a' dol a-staigh còmhla, chan eil fhios 'am an e, suas mu leth-cheud, timcheall air a sin, a' bombadh an àit is a' dol a-staigh is a' tighinn a-mach a-rithist is relays a' dol a-staigh ann a shin - bombs a' tuiteam fad an t-siubhail air a' mhonastery. Agus sin feadhainn, cuimhnichean a th'agam air.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Phort Righ.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Seumas MacNeacail mu Bhlàr Monte Casino

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; cogaidhean; Feuchdan Armaichte; arm; batail; blàir; cathan; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)

Uill, bha sinn treis mhòr timcheall air Casino mus do bhris sinn a-mach às. Agus mar a bha e a' tachairt bha am monastery aig Casino, bha e gu h-àrd air mullach nam beanntan a bha sin agus cha robh e soirbh faighinn faisg air an àite. Bha na Gearmailtich, bha iad air commanndadh air - ceithir-thimcheall air Casino. Agus chaidh an uamhas dhaoine a chall ann a shin ann an Casino is chunna mi ann an leabhar an àiteigineach eadar Gearmailtich is Breatannaich is a h-uile saighdear a bha a' sabaid, a h-uile rìoghachd a bha sabaid timcheall ann a shiud, gu robh suas mu fhichead mìle air an leòn no air an call, no rudeigineach dhen t-seòrsa sin. Agus mar a thuirt mi, bha e uamhasach doirbh faighinn a-staigh ann an Casino agus tha cuimhn 'am bha aon fheasgar mar a, nuair a bhrist sinn an uairsin a-staigh an Casino a' coimhead an Air Force a' bombadh an àite. Agus tha mi a' dèanamh dheth gu robh suas ri leth-cheud plean a' dol a-staigh còmhla, chan eil fhios 'am an e, suas mu leth-cheud, timcheall air a sin, a' bombadh an àit is a' dol a-staigh is a' tighinn a-mach a-rithist is relays a' dol a-staigh ann a shin - bombs a' tuiteam fad an t-siubhail air a' mhonastery. Agus sin feadhainn, cuimhnichean a th'agam air.<br /> <br /> Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Phort Righ.