Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Inbhir Aora & Dùn na Cuaich
EXTERNAL ID
QZP40_1103_P001
ÀITE
Inbhir Aora
SGÌRE
Meadhan Earra-Ghàidheil
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Inbhir Aora
LINN
1830an
CRUTHADAIR
John Fleming
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31419
KEYWORDS
caistealan
aitreabhan
oighreachdan
taighean oighreachail
taighean
beanntan
Inverary Castle & Dun-y-quaich

'S e cathair Dhiùcan Earra-Ghàidheil a th' ann an Caisteal Inbhir Aora. Tha caisteal an là an-diugh beagan an ear-thuath air baile Inbhir Aora, a' coimhead thar Loch Siora agus Loch Fìn.

Chaidh an caisteal a bh' ann roimhe a thogail ann an àite eile sa 15mh linn le Cailean Caimbeul, 1d Diùc Earra-Ghàidheil. Chaidh an caisteal sin a leagail fhad 's a bha iad an sàs ann an obair mhòr ath-thogail san sgìre eadar 1774 is 1758 nuair a ghluais an 3mh Diùc Earra-Ghàidheil baile Inbhir Aora gus am b' urrainn dha an caisteal a thogail far an robh e ga iarraidh.

A dh'aindeoin dà theine gu math mòr ann an 1877 is 1975, bha an caisteal fhathast na chathair do Dhiùcan Earra-Ghàidheil, ceannardan Chaimbeulaich Earra-Ghàidheil. 'S e cuideachd a' chiad taigh ann an Alba , mu 1890, far an do chuir iad a-steach cumhachd an dealain.

'S e Dùn na Cuaiche cnoc creagach os cionn baile Inbhir Aora. Air a' mhullach tha tùr-faire on 18mh linn, agus às an sin tha deagh sheallaidhean air an dùthaich mun cuairt. Tha iad den bheachd gur ann o 'Cuach' - seòrsa de chupa - a thàinig ainm, a chionn 's gu bheil an coltas sin air cumadh a' chnuic.

'S ann bho 'The Lakes of Scotland' le Iain Fleming a thàinig an dealbh seo

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Inbhir Aora & Dùn na Cuaich

EARRA-GHÀIDHEAL: Inbhir Aora

1830an

caistealan; aitreabhan; oighreachdan; taighean oighreachail; taighean; beanntan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)