Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh leis a' Phrìomh Sheanalair Robasdan mun ionnsaigh mhòr ann an Normandy
EXTERNAL ID
WD_BF01_TRACK08_ROBERTSON_02
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Major-General Robertson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3142
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
cogaidhean
Feachdan Armaichte
arm
batàilleannan
rèisimeidean
batail
blàir
cathan
Normandy
armailteachd
Gàidheil Shìophoirt
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha am Prìomh Sheanalair Major-General Robasdan a' bruidhinn mun ionnsaigh mhòr ann an Normandy an 1944.

Saoilidh mi gur e an t-àm a bu chudromaiche, dhomhsa co-dhiù, b' e sin aig an fhìor àm a thàinig sinn air tìr an Normandy - nuair a fhuair sinn às na bàtaichean 's a choisich sinn air na tràighean agus dh'fhairich sinn gu robh a' mhionaid air tighinn nuair a thòisich deireadh a' chogaidh, agus gu robh sinne dol ga chosnadh. Saoilidh mi gur e sin an t-àm a bu chudromaich. Agus b' e. Thàinig mise air tìr uair a thìde an dèidh nam feachdan toisich air D-day agus bha a' chiad fheadhainn air an leòn gu mòr agus bha an tràigh làn de dhaoine leòinte. Agus bha coltas neònach, coimheach orra leis mar a bha na h-aodannan aca uile uaine leis a' pheant-fhalach agus bha iad nan laighe gu neònach mar a bhios daoine leòinte agus marbh. Agus aon uair 's gun d' fhuair duine seachad air sin 's gum faca tu na tancaichean a' tighinn suas air do chùlaibh a' sluisreadh tron uisge agus na ceudan de bhàtaichean eile a' feitheamh bhon tràigh, deiseil gus am feachdan a chur gu tìr, dh'aithnich thu dìreach cho cudromach 's a bha an t-àm seo sa chogadh - an t-àm a bu chudromaiche buileach, saoilidh mi.

Bha bràthair agam a bha air a bhith sna Sìophortan ach bha e air am fàgail gus a dhol a-steach do bhuidheann dhen ainm MI5, agus bha iad sin a' dèiligeadh le brathadairean no 'spies'. Agus 's e an obair a bh' aigesan - agus dh'obraich e mach glè mhath air a' cheann thall - a bhith a' glacadh bhrathadairean Gearmailteach a thàinig a-null dhan dùthaich seo gus a lorg a-mach dè bha iad ris agus toirt orra creidsinn gu robh iad air an taobh cheàrr agus gu robh còir aca tighinn dhan taobh againne. Agus bha aige ri toirt orra brath a chur air ais dhan Ghearmailt, air an rèidio, a' toirt seachad fios ceàrr air na rudan a bha sinn a' dèanamh. Agus mar thoradh air a sin, bha na Gearmailtich a' creidsinn nach robh sinn idir 'dol a thighinn air tìr ann an Normandy, nuair a bha sinn a' dèanamh an dearbh rud sin. Bha sinn a' dol a thighinn gu tìr na b'fhaide suas an cost aig Pas-de-Calais, agus mar sin chuir iad a' chuid a bu mhotha den armachd aca shuas an sin agus leig sin leinn tighinn a-steach sna tràighean an Normandy. Agus bha sin dìreach mar thoradh air an fhios a chuir sinn air ais dhan nàmhaid bho na spies Gearmailteach a thàinig dhan taobh againn. Agus chuir sin Hitler ceàrr agus chuidich e sinne faighinn gu tìr.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Chaladair.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh leis a' Phrìomh Sheanalair Robasdan mun ionnsaigh mhòr ann an Normandy

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; cogaidhean; Feachdan Armaichte; arm; batàilleannan; rèisimeidean; batail; blàir; cathan; Normandy; armailteachd; Gàidheil Shìophoirt; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)