Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Obha is Caisteal Chaol a' Chùirn o Chnoc a' Gheòidh
EXTERNAL ID
QZP40_1103_P002
ÀITE
Loch Obha
SGÌRE
Ceann a Deas Latharna
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Gleann Urchaidh 's Innis
LINN
1830an
CRUTHADAIR
John Fleming
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31420
KEYWORDS
caistealan
lochan
cnuic
beanntan
rubha
eileanan
Loch Awe and Kilchurn Castle from the Gooses Rock

Tha Loch Obha na laighe an ear-dheas air an Òban agus, le fad de cha mhòr 24 mìle (38cm), 's e an loch fìor-uisge as fhaide ann an Alba. Tha e glè chaol, dìreach mìle ann an leud ann an àiteachan. San dealbh seo tha sealladh ann o Chnoc a' Gheòidh aig bun Beinn a' Bhuiridh, a tha na phàirt den bheinn mhòir, Beinn Cruachan.

Sna seann làithean 's e bacadh nàdarra a bh' ann an Loch Obha, a' dìon Chaimbeulaich Earra-Ghàidheil o an naimhdean gu tuath. Tha tobhtaichean Chaibeil Innis Fhadhail, Caisteal Fhionn-chàirn agus Caisteal Chaol a' Chùirn rin lorg ann an Loch Obha, a bharrachd air iomadach seann chrannag. Tha an loch cuideachd ainmeil air a bhreac dhonn fhiadhaich.

Tha Caisteal Chaol a' Chùirn na shuidhe air rubha beag, uaireigin na eilean, ann an Loch Obha, mu mhìle dhan iar air Dail Mhàilidh. 'S ann on 15mh linn a tha an caisteal agus chaidh a thogail le Cailean Caimbeul, ciad Tighearna Ghleann Urchaidh. Ann an 1861 Chaidh Sir Iain Caimbeul Ghleann Urchaidh a dhèanamh na Chiad Iarla Bhràghad Albainn agus sna 1690an dh'atharraich e an caisteal gus am biodh e na ghearastan a bha comasach air 200 saighdear a chumail.

Chaidh an caisteal a chur gu feum na ghearastan leis an riaghaltas aig àm ar-a-mach nan Seumasaich ann an 1715 is 1745 ach a dh'aindeoin spàirn nan Caimbeulach, cha cheannaicheadh an riaghaltas an caisteal bhuapa. Ann an 1740 dh'fhàg na Caimbeulaich Caisteal Chaol a' Chùirn agus ghluais iad gu Caisteal a' Bhealaich (Caisteal Bheul Thatha) agus na h-oighreachdan aca ann an Siorrachd Pheairt. Ann an 1760 bha Caisteal Chaol a' Chùirn air a bhriseadh cho dona le buille dealanaich gun do thrèigeadh e gus an deach e na thobhta. O na 1950an tha e fo chùram Alba Eachdraidheil.

'S ann bho 'The Lakes of Scotland' le Iain Fleming a thàinig an dealbh seo

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Obha is Caisteal Chaol a' Chùirn o Chnoc a' Gheòidh

EARRA-GHÀIDHEAL: Gleann Urchaidh 's Innis

1830an

caistealan; lochan; cnuic; beanntan; rubha; eileanan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)