Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Obha, a' coimhead gu tuath bhos cionn Cladaich
EXTERNAL ID
QZP40_1103_P003
ÀITE
Loch Obha
SGÌRE
Ceann a Deas Latharna
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Gleann Urchaidh 's Innis
LINN
1830an
CRUTHADAIR
John Fleming
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31421
KEYWORDS
lochan
caistealan
caibealan
tobhtaichean
cladhan
caistealan
rubha
eileanan
Loch Awe from above Cladich looking north

Tha Loch Obha na laighe an ear-dheas air an Òban agus, le faid de cha mhòr 24 mìle (38cm), 's e an loch fìor-uisge as fhaide ann an Alba. Tha e glè chaol, dìreach mìle ann an leud ann an àiteachan. San dealbh seo tha sealladh ann air an loch bho os cionn baile beag Cladaich, agus chithear pàirt dhen sin ris an aghaidh. 'S e baile sgapte a th' ann an Cladaich, mu chòig mìle an iar-dheas air Dail Mhàilidh. Tha e na laighe ri taobh Abhainn Chladaich a bhios a' coinneachadh ri Abhainn Archain mus sruth iad
a-steach a Loch Obha.

'S e Innis Dhubh a th' air an eilean choillteach as fhaisge, agus air a chùlaibh tha eilean fada de bhlàr-fhraoich air a bheil Innis Fhadhail far a bheil tobhtaichean chaibeil agus chladh. Nas fhaide suas an loch tha Fraoch Eilean ann far an robh uaireigin daingneachd aig Clann MhicNeachdainn. 'S e Innis Draoighnich ('s docha o draoidhean/ droigheann) a th' air an rubha a shìneas a-steach dhan loch dìreach seachad air Cladaich.

Sna seann làithean 's e bacadh nàdarra a bh' ann an Loch Obha, a' dìon Chaimbeulaich Earra-Ghàidheil o an naimhdean gu tuath. Tha tobhtaichean Caisteal Fhionn-chàirn agus Caisteal Chaol a' Chùirn rin lorg ann an Loch Obha, a bharrachd air iomadach seann chrannag. Tha an loch cuideachd ainmeil air a bhreac dhonn fhiadhaich.

'S ann bho 'The Lakes of Scotland' le Iain Fleming a thàinig an dealbh seo

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Obha, a' coimhead gu tuath bhos cionn Cladaich

EARRA-GHÀIDHEAL: Gleann Urchaidh 's Innis

1830an

lochan; caistealan; caibealan; tobhtaichean; cladhan; caistealan; rubha; eileanan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)