Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Fraoch Eilean a' coimhead gu tuath air Loch Obha
EXTERNAL ID
QZP40_1103_P004
ÀITE
Loch Obha
SGÌRE
Ceann a Deas Latharna
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Gleann Urchaidh 's Innis
LINN
1830an
CRUTHADAIR
John Fleming
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31422
KEYWORDS
lochan
caistealan
caibealan
eilean
eileanan
nathraichean
nathraichean-nimhe
eileanan
Loch Awe from the Island of Fraoch looking north

Tha Loch Obha na laighe an ear-dheas air an Òban agus, le faid de cha mhòr 24 mìle (38cm), 's e an loch fìor-uisge as fhaide ann an Alba. Tha e glè chaol, dìreach mìle ann an leud ann an àiteachan. Sna seann làithean 's e bacadh nàdarra a bh' ann an Loch Obha, a' dìon Chaimbeulaich Earra-Ghàidheil on naimhdean gu tuath. Tha tobhtaichean Chaibeil Innis Fhadhail, Caisteal Fhionn-chàirn agus Caisteal Chaol a' Chùirn ann an Loch Obha, a bharrachd air iomadach seann chrannag. Tha an loch cuideachd ainmeil airson breac fiadhaich.

'S e eilean beag aig ceann a tuath Loch Obha, mu dhà mhìle an iar-dheas air Caisteal Chaol a' Chùirn, a th' ann am Fraoch Eilean. 'S e tha seo ach dà thoman creagach ceangailte le fadhail de ghainmhich is de mhorghan. San dealbh seo tha sealladh ann on toman dhan iar a' coimhead dhan ear, taobh tobhta caisteal MhicNeachdainn air a' chnoc dhan ear.

A rèir bàrdachd Cheilteach, 's ann air Fraoch Eilean a gheibheadh tu na h-ùbhlan a bu bhlasta. Ach cha ghabhadh na h-ùbhlan seo an ithe, ged-tà, a chionn 's gun robh iad air an dìon le nathair mhòr uamhasach.

'S ann bho 'The Lakes of Scotland' le Iain Fleming a thàinig an dealbh seo

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Fraoch Eilean a' coimhead gu tuath air Loch Obha

EARRA-GHÀIDHEAL: Gleann Urchaidh 's Innis

1830an

lochan; caistealan; caibealan; eilean; eileanan; nathraichean; nathraichean-nimhe; eileanan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)