Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Seile o Thòrr a' Choit a' coimhead dhan iardheas
EXTERNAL ID
QZP40_1103_P006
ÀITE
Loch Seile
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart
LINN
1830an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31423
KEYWORDS
lochan
beanntan
cnuic
Seumasaich
am Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart
ar-a-mach nan Seumasach
ar-a-mach
carraighean-cuimhne
Loch Shiel from Tòrr a'Choit looking south west

'S e loch fada, caol, fìor-uisge a th' ann an Loch Seile agus tha e mu 17½ mìle dhan iar-dheas o Ghleann Fhionghain gu Ath Tharracaill. Tha an loch na chrìoch eadar sgìre Mhùideirt is sgìre Àird Ghobhair agus 's e an ceathramh loch as fhaide an Alba às dèidh Loch Nis, Loch Laomainn agus Loch Obha. Tha beanntan creagach air gach taobh dheth.

San dealbh seo tha sealladh ann o Thòrr a' Choit (coit - 's e sin croit bheag), cnoc beag aig ceann an loch, dìreach air cùl Ionad Fiosrachaidh Ghleann Fhionghain a tha le Urras Nàiseanta na h-Alba. 'S ann ann an Gleann Fhionghain a thàinig am Prionnsa Teàrlach air tìr air an 19mh Lùnastal 1745 agus tha mòran dhaoine den bheachd gun do thog e a bhratach aig Tòrr a' Choit, a' comharrachadh toiseach ar-a-mach 1745 nan Seumasach.

Ri aghaidh na deilbh, chithear Carragh-cuimhne Ghleann Fhionghain - tùr caol le togalach beag na chois. Chaidh a thogail le Alasdair MacDhòmhnaill Ghlinn Aladail ann an 1815 mar chuimhneachan air na daoine a chuir cath agus a bhàsaich ann an adhbhar nan Seumasach. Chan eil an togalach beag ann tuilleadh agus tha a' charragh-cuimhne a-nis fo Urras Nàiseanta na h-Alba.

'S ann bho 'The Lakes of Scotland' le Iain Fleming a thàinig an dealbh seo

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Seile o Thòrr a' Choit a' coimhead dhan iardheas

INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart

1830an

lochan; beanntan; cnuic; Seumasaich; am Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart; ar-a-mach nan Seumasach; ar-a-mach; carraighean-cuimhne

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)