Ùrachadh mu Dheireadh 21/05/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Lòchaidh o 'Tor-a-cromerk', a' coimhead dhan earthuath
EXTERNAL ID
QZP40_1103_P007
ÀITE
Loch Lòchaidh
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig
LINN
1830an
CRUTHADAIR
John Fleming
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31424
KEYWORDS
lochan
cnuic
beanntan
uilebheistean
slighean-uisge
bàigh
Loch Lochy from Tor-a-cromerk looking north east

'S e Loch Lòchaidh fear de na trì lochan a tha a' lìonadh a' Ghlinn Mhòir, còmhla ri Loch Omhaich is Loch Nis. 'S e Loch Lòchaidh an loch as fhaide gu deas de na trì, agus tha e na laighe 10 mìle (169km) an iar-dheas air an Lagan gu ruig Gearr Lòchaidh, le doimhneachd de 554 troighean (169m). Tha an loch air a chuairteachadh le slèibhtean casa coillteach. San aon dòigh ri a nàbaidh, Loch Nis, tha cuid den bheachd gu bheil Loch Lòchaidh na dhachaigh aig uilebheist, air an tug iad 'Lizzie'.

Tha na trì lochan, Lòchaidh, Omhaich agus Nis, air an ceangal le Sligh'-uisge a' Ghlinne Mhòir, a chaidh a thogail le Tòmas Telford (1757-1834). Thòisich obair anns a' chlais mhòir ann an 1803 agus chaidh pàirt dheth fhosgladh ann an 1822 ach cha deach fhosgladh gu lèir gu 1847. Bha an t-sligh'-uisge gu math cudromach do luchd-mara an là ud bhon a bha e a' leigeil leotha an turas timcheall air Alba a Tuath a sheachnadh - tron Chuan Sgìth is tron Chaol Arcach, a dh'fhaodadh a bhith cunnartach.

San dealbh seo tha sealladh o 'Tor-a-cromerk' (Tòrr a' Chromain / na Cromaig/ Crom-adhairc), cnoc beag air taobh an iar-dheas Loch Lòchaidh. Air a' bheulaibh tha bàgh Arcaig agus air a chùlaibh an loch ceart air am faicear grunn bhàtaichean. Taobh thall an locha chithear cnuic Leitir Fhionnlaigh.

'S ann bho 'The Lakes of Scotland' le Iain Fleming a thàinig an dealbh seo

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Lòchaidh o 'Tor-a-cromerk', a' coimhead dhan earthuath

INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig

1830an

lochan; cnuic; beanntan; uilebheistean; slighean-uisge; bàigh

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)