Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Lagain a' coimhead dhan iar
EXTERNAL ID
QZP40_1103_P008
ÀITE
Loch Lagain
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Lagan
LINN
1830an
CRUTHADAIR
John Fleming
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31425
KEYWORDS
lochan
glinn
aibhnichean
abhainnean
damaichean
lochan-tasgaidh
Loch Laggan looking west

Tha Loch Lagain na laighe an ear air Gleann Spiothan eadar Cinn na Giùthsaich agus an Gearasdan. Tha e a' sìneadh mu 7 mìle (12km) an iar-dheas air Ceann Loch Lagain agus 's ann aige a tha an tràigh ghainmhche as motha air loch fìor-uisge ann am Breatainn. San dealbh seo chithear Abhainn Pataig ris an aghaidh a' lùbadh gu ruig an loch.

Air taobh an ear-dheas an loch tha Taigh Àird Mheirigidh, a tha a-nis nas ainmeile mar 'Glenbogle' on phrògram telebhisein 'Monarch of the Glen'. An cois Oighreachd Àird Mheirigidh tha astar mòr de thràigh an loch agus às an sin tha cothroman air iasgach is air sealgaireachd.

Ceithir mìle an iar air Loch Lagain, aig ceann an iar Loch na Màighe, tha dama Lagain ann. Glè thric tha Loch na Màighe air a mheas mar phàirt nas fhaide de Loch Lagain. Tha an dama na laighe thairis air Abhain Spiothain a' cumail air ais uisgeachan Loch Lagain, agus chaidh a thogail le Companaidh Almain Bhreatainn ann an 1934 gus an dèanadh e cumhachd dealan-uisge don leaghadair-almain sa Ghearasdan. Tha uisge air a ghiùlan on tasgadh-uisge tro thunail gu ruige Loch Trèig agus às an sin ann an tunail eile fon talamh fad 15 mìle mus teàrn e tro phìoban sìos gualainn Beinn Nibheis.

'S ann bho 'The Lakes of Scotland' le Iain Fleming a thàinig an dealbh seo

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Lagain a' coimhead dhan iar

INBHIR NIS: Lagan

1830an

lochan; glinn; aibhnichean; abhainnean; damaichean; lochan-tasgaidh

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)