Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Arcaig a' coimhead dhan ear gu Loch Lòchaidh
EXTERNAL ID
QZP40_1103_P009
ÀITE
Loch Arcaig
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mhàillidh
LINN
1830an
CRUTHADAIR
John Fleming
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31426
KEYWORDS
lochan
eilean
eileanan
coilltean
caibealan
cladhan
caistealan
aitreabhan
taighean oighreachail
Loch Arkaig looking east towards Loch Lochy

Tha Loch Arcaig na laighe 10 mìle (16km) gu tuath air a' Ghearasdan, taobh an iar Loch Lòchaidh. Tha e a' sìneadh fad 12 mìle (19km) on ear dhan iar. Aig ceann an ear an loch tha Achadh na Cairidh na laighe, agus tha Srathan aig a' cheann an iar. San dealbh seo chithear sealladh on chnoc air an tràigh a tuath, a' coimhead taobh Achadh na Cairidh, agus Loch Lòchaidh nas fhaide air falbh.

Faisg air ceann an ear an loch tha eilean beag coillteach ann air a bheil seann chaibeal, seann chladh Chamshronaich Loch Iall. Aig ceann an iar an loch tha tobhtaichean gearastain a chaidh a thogail às dèidh ar-a-mach nan Seumasach ach nach deach a chleachdadh riamh barrachd air sia mìosan. Tha iad ag ràdh gun deach luchd de dh'òr Frangach airson nan Seumasaich a chur air tìr ann an Àrasaig ann an 1746, agus gu bheil e air a thiodhlacadh faisg air Loch Arcaig - ach cha deach a lorg riamh.

'S e Achadh na Cairidh an cathair a bh' aig Chamshronaich Loch Iall o mheadhan an t-17mh linn. Chaidh seann chaisteal Achadh na Cairidh a thogail le Sir Eòghann Camshron Loch Iall ann an 1665, ach chaidh a sgrios an dèidh sin le saighdearan Diùc Chumberland ann an 1746 mar dhìoghaltas air sgàth an dòigh san robh Dòmhnall Camshron Loch Iall air taic a chur ri na Seumasaich. Thill an teaghlach om fògarrach ann an 1784 agus chaidh aitreabh ùr a thogail eadar 1802 agus 1837 a rèir dealbhadh a rinn Gillespie Graham. Aig àm an Dàrna Cogaidh, chaidh Caisteal Achadh na Cairidh no 'Caisteal Commando' mar a chaidh a chur air uaireannan, a chleachdadh na ionad trèanaidh nan Commando.

'S ann bho 'The Lakes of Scotland' le Iain Fleming a thàinig an dealbh seo

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Arcaig a' coimhead dhan ear gu Loch Lòchaidh

INBHIR NIS: Cill Mhàillidh

1830an

lochan; eilean; eileanan; coilltean; caibealan; cladhan; caistealan; aitreabhan; taighean oighreachail

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)