Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Omhaich is Caisteal Inbhir Garaidh a' coimhead dhan iar
EXTERNAL ID
QZP40_1103_P010
ÀITE
Loch Omhaich
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig
LINN
1830an
CRUTHADAIR
John Fleming
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31427
KEYWORDS
lochan
aibhnichean
slighean-uisge
caistealan
beul-aithris
Loch Oich and Invergarry Castle looking west

'S e Loch Omhaich fear de na trì lochan sa Ghleann Mhòr, eadar Loch Lòchaidh is Loch Nis. Tha e 4 mìle (6½ km) ann am faid agus dìreach leth-mhìle (1km) ann an leud. Tha Abhainn Garaidh a' sruthadh a-steach ann on iar agus tha Abhainn Omhaich ga cheangal ri Loch Nis dhan earthuath, na phàirt de Shligh' Uisge a' Ghlinne Mhòir. Tha na trì lochan, Lòchaidh, Omhaich agus Nis, air an ceangal leis an t-slighe-uisge seo, a chaidh a thogail le Tòmas Telford (1757-1834). Chaidh pàirt dheth fhosgladh ann an 1822 ach cha deach fhosgladh gu lèir gu 1847.

Tha Caisteal Inbhir Garaidh air cladach an loch, mu leth-mhìle an ear air clachan Inbhir Garaidh. Thogadh an caisteal tràth san t-17mh linn mar dhaingneach do Chlann Dòmhnaill. Chaidh a losgadh leis an t-Seanalair Monck ann an 1654 ach chaidh ath-thogail is daingneach ùr a dhèanamh dheth. Dh'atharraich seilbh air aig àm ar-a-mach nan Seumasach ann an 1715 agus thadhail am Prionnsa Teàrlach air aig àm ar-a-mach 1745. Ann an 1746, chaidh an caisteal a sgrios le saighdearan Dhiùc Chumberland agus cha deach a thogail tuilleadh. An àite sin, chaidh aitreabh mòr ùr a thogail faisg air làimh agus an-diugh 's e Taigh-òsta Chaisteil Ghlinn Garaidh a th' ann. Tha tobhta a' chaisteil fhèin sna gàrraidhean aige.

Air cladach an iar an loch tha carragh-cuimhne ann air a bheil snaidheadh de na cinn sgoilte aig seachdnar dhaoine. Chaidh a thogail ann an 1812 mar chuimhneachan air rud a thachair, 's dòcha, mu 1663. Tha an sgeulachd ag innse mar a chaidh dithis mhac le ceannard MhicDhòmhnaill a mhurt ann an aimhreit le bràthair an athar no am màthar còmhla ris an t-sianar mhac aige. Chaidh òrdugh a chur a-mach gun deaghadh an seachdnar a mhurt mar dhìoghaltas, agus nochd trì fichead aig taigh an t-seachdnar gus am marbhadh. Chaidh an dithcheannadh agus chaidh na cinn a nighe ann an tobar a bha faisg air làimh mus deach an toirt seachad mar dhuais do cheannard Inbhir Garaidh. Riamh bhon àm sin 's e 'Tobar nan Ceann' a bh' air an tobar.

'S ann bho 'The Lakes of Scotland' le Iain Fleming a thàinig an dealbh seo

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Omhaich is Caisteal Inbhir Garaidh a' coimhead dhan iar

INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig

1830an

lochan; aibhnichean; slighean-uisge; caistealan; beul-aithris

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)