Ùrachadh mu Dheireadh 22/11/2016
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Nis o Ghleann Mhoireasdain
EXTERNAL ID
QZP40_1103_P012
ÀITE
Loch Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
LINN
1830an
CRUTHADAIR
John Fleming
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31429
KEYWORDS
lochan
claisean-uisge
slighean-uisge
glinn
dealan-uisge
cumhachd
aitreabhan
taighean mòra
cnuic
beanntan
turasachd
luchd-turais
uilebheistean
beul-aithris
Loch Ness from Glenmorriston

Tha Loch Nis na laighe an iar-dheas air Inbhir Nis agus 's e an loch as motha agus as fhaide gu tuath de na trì lochan sa Ghleann Mhòr. Tha Loch Nis 23 mìle (37km) ann am faid, 1 mhìle (1.6km) a leud agus tha doimhneachd cunbhalach ann de 600 troighean (183 meatairean). Tha seo ga fhàgail mar an loch fìor-uisge as motha ann am Breatainn. 'S e pàirt de Shligh'-uisge a' Ghlinne Mhòir a th' ann, clais a tha a' ruith eadar Inbhir Nis agus an Gearasdan, a' ceangal Loch Nis, Loch Omhaich is Loch Lòchaidh.

'S ann à 'Creag nan Eun', cnocan a tha beagan an ear-thuath air Inbhir Mhoireasdain, a chaidh an sealladh seo den loch a thogail. Tha Abhainn Mhoireasdain a' sruthadh o Loch Cluanaidh tro Ghleann Mhoireasdain agus a-mach gu Loch Nis aig Inbhir Mhoireasdain. 'S ann ann an Gleann Mhoireasdain a tha an stèisean cumhachd as motha ann an sgeama dealan-uisge a' Ghlinne Mhòir.

Beagan seachad air beulaibh na deilbh tha taigh mòr ann agus pàircean timcheall air. Sa mheaddhan tha Loch Nis ann, agus Beanntan a' Mhonaidh Liath air a chùlaibh. 'S e àite a tha a' tarraing luchd-turais a th' ann an Loch Nis, chan ann a mhàin airson àilleachd ach cuideachd airson Nessie, uilebheist a tha iad den bheachd a tha a' beò na dhoimhneachd. Cho fad air ais ris an t-siathamh linn, tha e coltach gun do thachair an Naomh Colm Cille ri biast-uisge iongantach aig Loch Nis. Tha grunnan dhaoine a' cumail a-mach gum faca iad i san 20mh linn, agus bhrosnaich seo ùidh an luchd-turais.

'S ann bho 'The Lakes of Scotland' le Iain Fleming a thàinig an dealbh seo

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Nis o Ghleann Mhoireasdain

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

1830an

lochan; claisean-uisge; slighean-uisge; glinn; dealan-uisge; cumhachd; aitreabhan; taighean mòra; cnuic; beanntan; turasachd; luchd-turais; uilebheistean; beul-aithris

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)