Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Nis is Caisteal Urchardain a' coimhead dhan earthuath
EXTERNAL ID
QZP40_1103_P013
ÀITE
Loch Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
LINN
1830an
CRUTHADAIR
John Fleming
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31430
KEYWORDS
lochan
caistealan
Caisteal Urchadainn
Loch Nis
Alan Durward
Tighearnas nan Eilean
Alasdair II
Eideard I
Cuimeinich
Seumasaich
Cùmhnantaich
Loch Ness and Castle Urquhart looking north east

Tha Loch Nis na laighe an iar-dheas air Inbhir Nis agus 's e an loch as motha agus as fhaide gu tuath de na trì lochan sa Ghleann Mhòr. Tha Loch Nis 23 mìle (37km) ann am fad, 1 mhìle (1.6km) a leud agus tha doimhneachd cunbhalach aige de 600 troighean (183 meatairean). Tha seo ga fhàgail na loch fìor-uisge as motha ann am Breatainn. 'S e pàirt de Shligh'-uisge na h-Alba (Slighe-uisge a' Ghlinne Mhòir) a th' ann, clais a tha na ruith o Inbhir Nis gu ruig an Gearasdan, a' ceangal Loch Nis, Loch Omhaich is Loch Lòchaidh.

Tha Caiteal Urchardain na shuidhe air rubha faisg air Druim na Drochaid aig ceann an ear Ghlinn Urchardain, le deagh sheallaidhean sìos is suas Loch Nis. Ged a tha fianais ann gu robh daingneach nam Piocach air an ionad roimhe, 's ann a tha na clàran sgrìobhte as tràithe ag ràdh gu robh caisteal ann on 13mh linn. Tha pàirt de na tobhtaichean o dhaingneach a bha aig Ailean Durward mu 1230, nuair a bha Alasdair ll, an dèidh dha cur às do ar-a-mach ann am Moireibh, ag iarraidh an sgìre a dhìon.

Chaidh an caisteal bho mhuinntir Durward gu muinntir Comyn agus uaireigin thàinig e fo smachd Èideird l, a rinn an togalach na bu mhotha agus na daingneachdan na bu làidire. Chaidh ionnsaigh a dhèanamh air a' chaisteal le MacDhòmhnaill, Tighearna nan Eilean; dh' atharraich seilbh air iomadh turas agus bha e aig na Cùmhnanataich agus aig na Seumasaich mus deach a sprèadhadh ann an 1691 gus nach biodh e na dhaingneach aig na Seumasaich a-rithist. Eadar 1912 agus 1922, chaidh cladhadh àrsachail a dhèanamh aig a' chaisteal agus chaidh càradh a dhèanamh air agus tha e a-nis fo chùram Alba Eachdraidheil.

'S ann bho 'The Lakes of Scotland' le Iain Fleming a thàinig an dealbh seo

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Nis is Caisteal Urchardain a' coimhead dhan earthuath

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

1830an

lochan; caistealan; Caisteal Urchadainn; Loch Nis; Alan Durward; Tighearnas nan Eilean; Alasdair II; Eideard I; Cuimeinich; Seumasaich; Cùmhnantaich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)