Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Ma-Ruibhe o Ghleann Dochartaidh a' coimhead dhan iarthuath
EXTERNAL ID
QZP40_1103_P015
ÀITE
Loch Ma-Ruibhe
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1830an
CRUTHADAIR
John Fleming
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31432
KEYWORDS
beanntan
lochan
Naomh Maol Rubha
glinn
naoimh
eileanan
tèarmannan nàdair
Sleaghach
Tèarmann Nàdair Nàiseanta Bheinn Eighe
Loch Maree from Glen Docharty looking north west

San dealbh seo chithear sealladh air Loch Ma-Ruibhe o Ghleann Dochartaidh, an iar air Ach na Sìne. Tha Loch Ma-Ruibhe na loch le fìor uisge a tha dà mhìle deug ann am fad, na shìneadh fad 12 mìle o Cheann Loch Iùbh gu faisg air Poll Iùbh. Tha grunn eileanan beaga san loch, fear dhiubh, Eilean Ma-Ruibhe, air a bheil na tobhtaichean de chaibeal beag a chaidh a stèidheachadh leis an Naomh Maol Rubha san t-7mh linn, a rèir aithris. Tha a' bheinn Slìoch, a tha 3215 troighean (980 meatairean) ann an àirde, a' taobhadh an loch gu tuath agus air a thaobh a deas tha seann ghiùthsach Chailleannach ann, a tha na pàirt de Thèarmann Nàdair Nàiseanta Bheinn Eighe.

Tràth san t-17mh linn bha tràighean Loch Ma-Ruibhe làn choilltean dlùtha a bha a' biathadh nan oibrichean iarainn a bu motha air a' Ghàidhealtachd. 'S e Fuirneis a th' air an ionad sin fhathast, air taobh a tuath an loch.

'S ann bho 'The Lakes of Scotland' le Iain Fleming a thàinig an dealbh seo

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Ma-Ruibhe o Ghleann Dochartaidh a' coimhead dhan iarthuath

ROS: Geàrrloch

1830an

beanntan; lochan; Naomh Maol Rubha; glinn; naoimh; eileanan; tèarmannan nàdair; Sleaghach; Tèarmann Nàdair Nàiseanta Bheinn Eighe

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

San dealbh seo chithear sealladh air Loch Ma-Ruibhe o Ghleann Dochartaidh, an iar air Ach na Sìne. Tha Loch Ma-Ruibhe na loch le fìor uisge a tha dà mhìle deug ann am fad, na shìneadh fad 12 mìle o Cheann Loch Iùbh gu faisg air Poll Iùbh. Tha grunn eileanan beaga san loch, fear dhiubh, Eilean Ma-Ruibhe, air a bheil na tobhtaichean de chaibeal beag a chaidh a stèidheachadh leis an Naomh Maol Rubha san t-7mh linn, a rèir aithris. Tha a' bheinn Slìoch, a tha 3215 troighean (980 meatairean) ann an àirde, a' taobhadh an loch gu tuath agus air a thaobh a deas tha seann ghiùthsach Chailleannach ann, a tha na pàirt de Thèarmann Nàdair Nàiseanta Bheinn Eighe.<br /> <br /> Tràth san t-17mh linn bha tràighean Loch Ma-Ruibhe làn choilltean dlùtha a bha a' biathadh nan oibrichean iarainn a bu motha air a' Ghàidhealtachd. 'S e Fuirneis a th' air an ionad sin fhathast, air taobh a tuath an loch.<br /> <br /> 'S ann bho 'The Lakes of Scotland' le Iain Fleming a thàinig an dealbh seo