Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Ma-Ruibhe is Slìoch o faisg air craobh-na-fois a' coimhead gu tuath
EXTERNAL ID
QZP40_1103_P016
ÀITE
Loch Ma-Ruibhe
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1830an
CRUTHADAIR
John Fleming
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31433
KEYWORDS
lochan
beanntan
craobhan
craobhan ainmeil
eileanan
naoimh
tèarmainnean nàdair
Sleaghach
seann ghnìomhachas
fùirneisean
iarainn
gnìomhachas an iarainn iarann
Loch Maree and Slioch Mountain from near the resting tree looking north

San dealbh seo chithear sealladh air Loch Ma-Ruibhe agus Slìoch air a chùlaibh. 'S ann on "resting tree", seann ghiuthas air a robh an coltas gu robh i a' fàs a-mach à creig, a tha an sealladh seo. Bha a' chraobh seo air taobh a deas an loch, air an rathad o Cheann Loch Iùbh gu Poll Iùbh. A rèir beul aithris, bha barrachd air aon àite-còmhnaidh aig seann cheannardan Gheàrrloch. Nuair a bhiodh iad a' gluasad o àite gu àite, bhiodh tràillean a' dol còmhla riutha gu ruig 'craobh na foise', far am biodh tràillean on sgìre eile gan coinneachadh gus an cuideachadh. Bhiodh an dà bhuidheann nan suidhe fon chraoibh greis, a' leigeil an anail mus togadh iad orra a-rithist a' dol dhan dachaighean fhèin.

Tha Loch Ma-Ruibhe na loch le fìor uisge a tha dà mhìle deug ann am fad, na shìneadh fad 12 mìle o Cheann Loch Iùbh gu faisg air Poll Iùbh. Tha grunn eileanan beaga san loch, fear dhiubh, Eilean Ma-Ruibhe, air a bheil na tobhtaichean de chaibeal beag a chaidh a stèidheachadh leis an Naomh Maol Rubha san t-7mh linn, a rèir aithris. Tha a' bheinn Slìoch, a tha 3215 troighean (980 meatairean) ann an àirde, a' taobhadh an loch gu tuath agus air a thaobh a deas tha seann ghiùthsach Chailleannach ann, a tha na pàirt de Thèarmann Nàdair Nàiseanta Bheinn Eighe.

Tràth san t-17mh linn bha tràighean Loch Ma-Ruibhe làn choilltean dlùtha a bha a' biathadh nan oibrichean iarainn a bu motha air a' Ghàidhealtachd. 'S e Fuirneis a th' air an ionad sin fhathast, air taobh a tuath an loch.

'S ann bho 'The Lakes of Scotland' le Iain Fleming a thàinig an dealbh seo

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Ma-Ruibhe is Slìoch o faisg air craobh-na-fois a' coimhead gu tuath

ROS: Geàrrloch

1830an

lochan; beanntan; craobhan; craobhan ainmeil; eileanan; naoimh; tèarmainnean nàdair; Sleaghach; seann ghnìomhachas; fùirneisean; iarainn; gnìomhachas an iarainn iarann

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)