Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Asainte is Caisteal Àird Bhreac
EXTERNAL ID
QZP40_1103_P019
ÀITE
Loch Asainte
SGÌRE
Asainte
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Asaint
LINN
1830an
CRUTHADAIR
John Fleming
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31434
KEYWORDS
lochan
caistealan
cnuic
beanntan
uillt
Montròs
Blàr Charbasdail
Taigh Chalda
Loch Assynt and Ardvraick Castle

San dealbh seo chithear sealladh air Loch Asainte agus Caisteal Àird Bhreac, mar a th' air an-diugh, sa mheadhan.Tha an loch a' sìneadh fad shia mìle ann an teis meadhan bheanntan Chataibh. Air cùl a' chaisteil cithear Spidean Coinich (2507 troighean, 764 meatairean), beinn a tha na pàirt de raon na Cuinneig a tha a' ruighinn àirde de 2650 troighean (808 meatairean) aig Sail Gharbh.

Tha Caisteal Àird Bhreac, an-diugh air crìonadh, fhathast na sheasamh trì lobhtaichean ann an àirde air rubha beag air taobh a tuath Loch Asainte, faisg air Innis nan Damh. Tha iad den bheachd gun deach a thogail anmoch sna 1500an le Clann MhicLeòid a bha air smachd fhaighinn air sgìre Asainte san 13mh linn. Ann an 1650, chaidh Seumas Greumach, Marcas Mhontròis, a lorg tèarmann sa chaisteal, an dèidh dha call aig Blàr Charabasdail, ach dhiùlt morair Asainte tèarmann a thoirt dha. Chaidh Montròis a chumail na phrìosanach aig Caisteal Àird Bhreac mus deach a thoirt a Dhùn Èideann far an deach a chur gu bàs às dèidh siud.

Chaidh an caisteal fo sheilbh Chlann 'IcCoinnich a-rithist agus thog iad aitreabh eile, Taigh Chalda, faisg air làimh. Chaidh an dà thogalach, Taigh Chalda agus Caisteal Àird Bhreac, an sgrios le teine san 18mh linn.

'S ann bho 'The Lakes of Scotland' le Iain Fleming a thàinig an dealbh seo

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Asainte is Caisteal Àird Bhreac

CATAIBH: Asaint

1830an

lochan; caistealan; cnuic; beanntan; uillt; Montròs; Blàr Charbasdail; Taigh Chalda

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)