Ùrachadh mu Dheireadh 06/12/2016
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Uilleam Shand mu shoitheach a chaidh a sprèadhadh faisg air Caen
EXTERNAL ID
WD_BF01_TRACK09_SHAND
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
William Shand
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3144
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
cogaidhean
Feachdan Armaichte
mèinnean-sprèadhaidh
sprèadhadh
batail
blàir
cathan
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha Uilleam Shand às Inbhir Narainn a' toirt seachad cunntas air rud a thachair dìreach às dèidh ionnsaigh Normandy an 1944.

Às dèidh a' chiad ionnsaigh air tràigh Arromanches - 's e sin far an robh na Breatannaich agus sin far an robh mise a-measg a' chablaich an sin - chaidh ar cur suas an Abhainn Orne gu ruig baile Caen agus bha sin air a chur fo mhèinnean-sprèadhaidh gu dona, agus bha e glè chunnartach agus bha duine an siud 's an seo a' losgadh air rud sam bith a chitheadh iad, gu h-àraid bho bhruaichean na h-aibhne. Agus chaidh sinne a-steach còmhla ri aon Shoitheach Aimeireaganach agus fhuair sinn a-staigh an sin agus abair gu robh sinn toilichte a' faighinn a-steach dhan chala seo. Thug iad dhuinn cuireadh a dhol a-null dhan bhàta aca. Agus chaidh Coca-Cola agus reòiteagan a thoirt dhuinn, agus film le Rita Hayworth air a ruith, agus chuir seo iongantas orm cho diofraichte 's a bha cùisean dhaibh ris a' chogadh a bh' againn am Breatainn aig an àm. Agus an ath-là sheòl iad bhuainn agus cha do sheòl iad ach 200 slat nuair a bha am bàta air a sprèadhadh agus mu dheireadh bha mu 250 duine marbh againn air bòrd agus dà cheud eile air an droch leòn. Agus cha robh ach 120 dhinne ann agus thàinig oirnn tionndadh agus a dhol gu obair ciad-fuasglaidh. Agus bha cuid aca air am bàthadh oir bha iad iar am bualadh gu neo-aire aig an sprèadhadh agus leis na criosan-sàbhalaidh orra san uisge thuigeadh tu mar a bha iad a' bàthadh agus chaidh innseadh dhomhsa sèideadh-èiginn a thoirt don bhalach mhòr dhubh seo - agus bha mi cho aineolach air a' chùis agus 's ann a bhàsaich e fo mo làmhan. Agus 's e sin an rud a b' uamhasaiche a bh'ann, saoilidh mi. Agus, eil fhios agaibh, bha a h-uile duine air a' bhàta, cha b' e mise an t-aon duine, bha a h-uile duine ris an aon seòrsa de dh'obair mì-chàilear, mì-fhortanach.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Rosebank, Inbhir Narann.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Uilleam Shand mu shoitheach a chaidh a sprèadhadh faisg air Caen

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; cogaidhean; Feachdan Armaichte; mèinnean-sprèadhaidh; sprèadhadh; batail; blàir; cathan; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)