Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Suaicheantas Rìoghail na h-Alba
EXTERNAL ID
QZP40_1438_P304
DEIT
1831
LINN
c1560an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31445
KEYWORDS
suaicheantas
sgiathan
leòmhann
leòmhann rèimeil
rìghrean
Ceannard na Stàite
beathach an aon adhairc
crùintean
an Naomh Anndra
facail-suaicheantais
The Royal Arms of Scotland

Tha dealbhadh Suaicheantas Rìoghail na h-Alba ag innse mu eachdraidh riaslach na h-Alba. 'S e prìomh adhbhar Suaicheantais Rìoghail comharrachadh Ceannard na Stàite. Chaidh an suaicheantas seo a dhèanamh ro àm Aonadh nan Crùn ann an 1603 oir dh'atharraich Seumas VI agus I an sgiath gus an Aonadh a shealltainn.

'S e a' phàirt as tràithe dhen t-suaicheantas an Leòmhann rèimeil. Tha seo bho linn Uilleim I, 'an Leòmhann'. Chaidh an dà bhann timcheall air an leòmhann a chur ris le Alasdair II a' comharrachadh an t-Sean Chàirdeis eadar Alba agus an Fhraing.

Chaidh na beathaichean a tha a' cur taic ris an sgiath a chur ris leis na Rìghrean Seumasach. B' e dàimh a b' fheàrr le Seumas I ach chaidh an atharrachadh le Seumas II gu biastan aon adharcach, le sèinichean mun amhaichean agus crùintean air an cinn.

Tha an sèine de chluarain a tha crochte air an sgiath a' cumail Seud an Naoimh Anndra, naomh na h-Alba.

Tha Claidheamh agus Slat na Stàite aig an leòmhann bheag dhearg a tha na shuidhe os cionn a' chrùin. Thug am Pàp Alasdair VI an t-Slat agus thug am Pàp Julius II an claidheamh don Righ Seumas IV.

Tha dà phìos sgrìobhadh air Suaicheantas Rìoghail na h-Alba, 'In Defense' agus 'Nemo me impune lacessit' (cha toir duine ionnsaigh ormsa gun aithreachas), a tha air eadar theangachadh ann an Albannas mar 'Wha daur meddle wi' me?'

Chaidh an dealbh seo a thoirt à 'The Scottish Gael or Celtic Manners' le Seumas Logan

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Suaicheantas Rìoghail na h-Alba

c1560an

suaicheantas; sgiathan; leòmhann; leòmhann rèimeil ; rìghrean; Ceannard na Stàite; beathach an aon adhairc
crùintean; an Naomh Anndra; facail-suaicheantais

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)