Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bealach
EXTERNAL ID
QZP40_1475_P060
ÀITE
Caisteal a' Bhealaich
SGÌRE
A' Ghàidhealtachd / Siorrachd Pheairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT: A' Cheannmhor
DEIT
1804
LINN
1800an
CRUTHADAIR
G Garrard & T Medland
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31452
KEYWORDS
caistealan
cinnidhean
Bràghad Albainn
Caimbeulaich Ghleann Urchaidh
oighreachdan
Taymouth

Tha Caisteal a' Bhealaich aig A' Cheannmhor, sia mìle o Obar Pheallaidh. 'S ann o làithean tràtha san 19mh linn a tha an caisteal, agus taigh le tùr on 16mh linn.

Thog Caimbeulaich Ghleann Urchaidh e mar chathair teaghlaich, 's bha an togalach coltach ris a' chaisteal Chaimbeulach eile aig Inbhir Aora. Tha caisteal a' Bhealaich nas motha agus le barrachd sgeadachaidh na caisteal Inbhir Aora, mar tha na h-oighreachdan fhèin. Aig aon àm bha oighreachdan Bhràghad Albainn faisg air 440,000 acair ann am meud is barrachd air 100 mìle a dh'fhad.

'S e Seumas is Gilleasbaig Elliot a thog Caisteal a' Bhealaich, agus am pleastar air a dhèanamh le Frangan Bernasconi is am peantadh air a dhèanamh le Cornelius Dixon.

Chaidh na h-oighreachdan a sgaradh anns na 1920an is cheannaich Companaidh Taigh-òsta Caisteal a' Bhealaich Earr. an caisteal fhèin. Rinneadh raon goilf den phàirce-fhèidh mu thimcheall air. Chaidh an caisteal a chleachdadh mar sgoil do chlann luchd-airm Aimeireaganach a-rithist. Tha e a-nis falamh.

Gheibhear an gràbhaladh seo, bho dhealbh air a pheantadh le Seòras Garrard ann an 'A Sporting Tour of the Northern Parts of England and great part of the Highlands of Scotland', le Còirneal T Thornton.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bealach

PEAIRT: A' Cheannmhor

1800an

caistealan; cinnidhean; Bràghad Albainn; Caimbeulaich Ghleann Urchaidh; oighreachdan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)