Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Obha is Caisteal Caol a' Chùirn
EXTERNAL ID
QZP40_1475_P240
ÀITE
Loch Obha
SGÌRE
Ceann a Tuath Latharna
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Gleann Urchaidh 's Innis
DEIT
1804
LINN
1800an
CRUTHADAIR
G Garrard & T B Pouncy
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31456
KEYWORDS
caistealan
Loch Odha
lochan
cinnidhean
togalaichean
Caol a' Chùirn
iasgach
Loch Awe and Kilchurn Castle

Tha Loch Obha an ear-dheas air an Òban agus, aig fad faisg air 24 mìle, 's e an loch fìor-uisge as fhaide ann an Alba. Tha e ainmeil am measg iasgairean leis na th'ann de bhric. Tha iomadh seann chrannag anns an loch, is 's ann ann a tha tobhtaichean Caibeal Innis-ail is Caistealan Caol a' Chùirn is Fionn-chàrn cuideachd.

Tha Caisteal Caol a' Chùirn air rubha beag ann an Loch Obha. Thog Sir Cailean Caimbeul à Gleann Urchaidh e mu 1450. Chaidh a leudachadh anns an t-17mh linn gus a chleachdadh na ghearasdan. Ann an 1681, thàinig Sir Iain Caimbeul à Gleann Urchaidh gu bhith na 1mh Iarla de Bhràghad Albainn.

Aig àm nan Aramach Seumasaich ann an 1715 is 1745, chleachd an riaghaltas Caisteal Caol a' Chùirn mar ghearastan, agus dh'fheuch an teaghlach ri reic chun an riaghaltais, ach cha deach leotha.

Dh'fhàg an teaghlach Caol a' Chùirn ann an 1740, is chaidh iad gu Caisteal a' Bhealaich. Chaidh Caisteal Caol a' Chùirn a dhroch mhilleadh le dealanaich ann an 1760, is chaidh fhàgail bàn.

Chithear an dealbh seo ann an 'A Sporting Tour of the Northern Parts of England and great part of the Highlands of Scotland', le Còirneal T Thornton

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Obha is Caisteal Caol a' Chùirn

EARRA-GHÀIDHEAL: Gleann Urchaidh 's Innis

1800an

caistealan; Loch Odha; lochan; cinnidhean; togalaichean; Caol a' Chùirn; iasgach

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)